Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ceàrnag an Stèisein, Inbhir Nis
EXTERNAL ID
HC_INV_BSIB_FLOWERS_009
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1990an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
13448
KEYWORDS
stèiseanan
ceàrnagan
rathaidean-iarainn
taighean-òsta
carraighean-cuimhne
ìomhaighean
gràbhaladh
Station Square, Inverness

'S e seo sealladh de Cheàrnag an Stèisein o Shràid an Acadamaidh ann an Inbhir Nis. Dh'fhosgail Rèile Inbhir Nis agus Inbhir Narann stèisean ann an Inbhir Nis air an t-7mh latha dhen t-Samhain 1855, agus dh'fhàs e gus an robh e na phrìomh ionad rèile dhan Ghàidhealtachd, le rèilichean a' dol gu deas gu Peairt agus nas fhaide; an ear gu Obar Dheathain; an iar gu Caol Loch Aillse; agus a tuath gu Inbhir Ùige. Chaidh an doras dealbhaichte le Iòsaph Mitchell, a bh' aig an stèisean o thùs, a thogail ann an 1855, ach chaidh a leagail anns na 1960an, agus structar nach eil cho ealanta a chur na àite.

Ri taobh an stèisein chithear Taigh-òsta an Stèisein, air a thogail ann an stoidhle Eadailteach, dealbhaichte le Matthews is Lawrie, agus air a chrìochnachadh ann an 1855. Bha an doras a bh'aige o thùs air Sràid an Acadamaidh, ach ann an 1898, rinneadh leudachadh air an taigh-òsta air an làrach far an robh taobh an deas aghaidh an stèisein. Bha beagan de dh'upraid mu Thaigh-òsta an Stèisein tràth ann a' Chiad Chogadh nuair a fhuaireadh dithis neach-brathaidh Gearmailteach ann agus a chuireadh iad an sàs. Thugadh Royal Highland Hotel air an taigh-òsta anns a' Chèitean 2000.

Tha Carragh-cuimhne nan Camshronach ann am meadhan na ceàrnaig. Tha an carragh-cuimhne, a tha a' sealltainn Camshronach le sphinx aig a chasan, mar chuimhneachan air na thuit de na Camshronaich anns na h-iomairtean anns an Èipheit agus anns an t-Sudan ann an 1882 agus 1885. Chaidh an carragh-cuimhne fhoillseachadh le Loch Iall, ceann-cinnidh nan Camshronach agus b' iad 79mh Camshronaich Ghàidhealach na Bànrigh a chuir suas e. B' e G. Wade à Lunnainn an snaidheadair

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ceàrnag an Stèisein, Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1990an

stèiseanan; ceàrnagan; rathaidean-iarainn; taighean-òsta; carraighean-cuimhne; ìomhaighean; gràbhaladh

Comhairle na Gàidhealtachd

Highland Council: Inverness Area (1990s)

'S e seo sealladh de Cheàrnag an Stèisein o Shràid an Acadamaidh ann an Inbhir Nis. Dh'fhosgail Rèile Inbhir Nis agus Inbhir Narann stèisean ann an Inbhir Nis air an t-7mh latha dhen t-Samhain 1855, agus dh'fhàs e gus an robh e na phrìomh ionad rèile dhan Ghàidhealtachd, le rèilichean a' dol gu deas gu Peairt agus nas fhaide; an ear gu Obar Dheathain; an iar gu Caol Loch Aillse; agus a tuath gu Inbhir Ùige. Chaidh an doras dealbhaichte le Iòsaph Mitchell, a bh' aig an stèisean o thùs, a thogail ann an 1855, ach chaidh a leagail anns na 1960an, agus structar nach eil cho ealanta a chur na àite.<br /> <br /> Ri taobh an stèisein chithear Taigh-òsta an Stèisein, air a thogail ann an stoidhle Eadailteach, dealbhaichte le Matthews is Lawrie, agus air a chrìochnachadh ann an 1855. Bha an doras a bh'aige o thùs air Sràid an Acadamaidh, ach ann an 1898, rinneadh leudachadh air an taigh-òsta air an làrach far an robh taobh an deas aghaidh an stèisein. Bha beagan de dh'upraid mu Thaigh-òsta an Stèisein tràth ann a' Chiad Chogadh nuair a fhuaireadh dithis neach-brathaidh Gearmailteach ann agus a chuireadh iad an sàs. Thugadh Royal Highland Hotel air an taigh-òsta anns a' Chèitean 2000.<br /> <br /> Tha Carragh-cuimhne nan Camshronach ann am meadhan na ceàrnaig. Tha an carragh-cuimhne, a tha a' sealltainn Camshronach le sphinx aig a chasan, mar chuimhneachan air na thuit de na Camshronaich anns na h-iomairtean anns an Èipheit agus anns an t-Sudan ann an 1882 agus 1885. Chaidh an carragh-cuimhne fhoillseachadh le Loch Iall, ceann-cinnidh nan Camshronach agus b' iad 79mh Camshronaich Ghàidhealach na Bànrigh a chuir suas e. B' e G. Wade à Lunnainn an snaidheadair