Ùrachadh mu Dheireadh 09/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Chaladair
EXTERNAL ID
HC_INV_BUILDINGS_005
ÀITE
Caladar
SGÌRE
Inbhir Narann (gu tìr)
SIORRACHD/PARRAIST
SIORRACHD NARANN: Caladar
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
13454
KEYWORDS
caistealan
Cawdor Castle

'S e seo dealbh-camara de Chaisteal Chaladair agus a ghàrraidhean.

Thog an Tàna Uilleam à Caladar Caisteal Chaladair ann an 1454 fo chead a thug Seumas II dha. Bha an t-ainm 'Calder' air fhuaimneachadh mar 'Cawdor' mar bu trice, agus 's ann bho sin a thug an teaghlach an ainm. Fhuair clann Chaimbeil am fearann is an tiotal tron phòsadh co-èignichte eadar Muireall, nighean Uilleim Chaladair, nach robh ach 12 bhliadhna a dh'aois, agus am mac aig an 2ra Iarla Earra-Ghàidheal.

Tha an caisteal ainmeil airson a cheangail ri MacBheatha, ach bhàsaich esan ann an 1052 is chaidh a' chiad Mhorair Fiùdalach no Tàna Chaladair a stèidheachadh le Alasdair II ann an 1236. Rinn Sir Ùisdean Caimbeul, an 15mh Tàna Chaladair, follaiseach a thaic do na Seumasaich anns an t-17mh linn, is thàinig air a dhol dhan Chuimrigh le theaghlach cha mhòr fad na h-ath linn. Thill an teaghlach mar Iarlan Chaladair is rinn iad obair airson an caisteal ath-thogail is a ghleidheadh, agus 's e dachaigh dhan teaghlach a th' ann fhathast

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Chaladair

SIORRACHD NARANN: Caladar

caistealan

Comhairle na Gàidhealtachd

Highland Council: Inverness Area (1990s)

'S e seo dealbh-camara de Chaisteal Chaladair agus a ghàrraidhean.<br /> <br /> Thog an Tàna Uilleam à Caladar Caisteal Chaladair ann an 1454 fo chead a thug Seumas II dha. Bha an t-ainm 'Calder' air fhuaimneachadh mar 'Cawdor' mar bu trice, agus 's ann bho sin a thug an teaghlach an ainm. Fhuair clann Chaimbeil am fearann is an tiotal tron phòsadh co-èignichte eadar Muireall, nighean Uilleim Chaladair, nach robh ach 12 bhliadhna a dh'aois, agus am mac aig an 2ra Iarla Earra-Ghàidheal.<br /> <br /> Tha an caisteal ainmeil airson a cheangail ri MacBheatha, ach bhàsaich esan ann an 1052 is chaidh a' chiad Mhorair Fiùdalach no Tàna Chaladair a stèidheachadh le Alasdair II ann an 1236. Rinn Sir Ùisdean Caimbeul, an 15mh Tàna Chaladair, follaiseach a thaic do na Seumasaich anns an t-17mh linn, is thàinig air a dhol dhan Chuimrigh le theaghlach cha mhòr fad na h-ath linn. Thill an teaghlach mar Iarlan Chaladair is rinn iad obair airson an caisteal ath-thogail is a ghleidheadh, agus 's e dachaigh dhan teaghlach a th' ann fhathast