Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Am Margadh Bhictòrianach, Inbhir Nis - Mun chloc
EXTERNAL ID
HC_INV_FACILITIES_001
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1990an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
13462
KEYWORDS
margaidhean
gleocaichean
ceannach
Victorian Market, Inverness - view of clock area

Tha an dealbh seo dhen mhargadh Bhictòrianach a' sealltainn an àite anns a' mheadhan far a bheil an cloc. 'S ann eadar Sràid an Aonaidh agus Sràid na Banrìgh a bha an t-seann mhargadh, ach chaidh a losgadh gu làr ann an 1889 agus a thogail a-rithist dà bhliadhna an dèidh sin aig cosgais £7158. Bha dorsan aig a' mhargadh ùr air Sràid na h-Acadamaidh, Sràid na h-Eaglaise agus Sràid an Aonaidh agus bha talla mhòr sa mheadhan, agus margadh èisg ann. Cha robh stàilichean seasmhach ann an uair sin. Bha gach neach-reic a' faighinn bhùird air màl bho chomhairle a' bhaile aig 6 sgillinn gach latha. Bha boireannaich à Inbhir Narann a' rèic iasg ann, agus mnathan nan tuathanach a' rèic iasg, uighean, cearcan, uirceanan, agus ìm is gruth. Bhathar a' sealltainn fhlùraichean ann an talla a' mhargaid agus bhiodh cuirmean agus coinneamhan ann. Dh'fhaodadh na bùird a bhith air an cur chun an taoibh gus àite a dhèanamh do luchd-amhairc. Tha bùithtean fa leth anns a' mhargaid an-diugh fo na h-aon chabair.

Thathar an dùil gur e Alexander Dallas, uaireadairiche às Inbhir Nis, a rinn an gleoc. Bha a' bhùth aige suidhichte aig 36 Sràid na h-Eaglais, Inbhir Nis. Chuir fear dha mhic air bhonn 'Dallas the Jewellers' ann an Inbhir Narann. Bha mac eile dha, Donald Dallas, ainmeil san sgìre mar chleasaiche.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Am Margadh Bhictòrianach, Inbhir Nis - Mun chloc

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1990an

margaidhean; gleocaichean; ceannach

Comhairle na Gàidhealtachd

Highland Council: Inverness Area (1990s)

Tha an dealbh seo dhen mhargadh Bhictòrianach a' sealltainn an àite anns a' mheadhan far a bheil an cloc. 'S ann eadar Sràid an Aonaidh agus Sràid na Banrìgh a bha an t-seann mhargadh, ach chaidh a losgadh gu làr ann an 1889 agus a thogail a-rithist dà bhliadhna an dèidh sin aig cosgais £7158. Bha dorsan aig a' mhargadh ùr air Sràid na h-Acadamaidh, Sràid na h-Eaglaise agus Sràid an Aonaidh agus bha talla mhòr sa mheadhan, agus margadh èisg ann. Cha robh stàilichean seasmhach ann an uair sin. Bha gach neach-reic a' faighinn bhùird air màl bho chomhairle a' bhaile aig 6 sgillinn gach latha. Bha boireannaich à Inbhir Narann a' rèic iasg ann, agus mnathan nan tuathanach a' rèic iasg, uighean, cearcan, uirceanan, agus ìm is gruth. Bhathar a' sealltainn fhlùraichean ann an talla a' mhargaid agus bhiodh cuirmean agus coinneamhan ann. Dh'fhaodadh na bùird a bhith air an cur chun an taoibh gus àite a dhèanamh do luchd-amhairc. Tha bùithtean fa leth anns a' mhargaid an-diugh fo na h-aon chabair.<br /> <br /> Thathar an dùil gur e Alexander Dallas, uaireadairiche às Inbhir Nis, a rinn an gleoc. Bha a' bhùth aige suidhichte aig 36 Sràid na h-Eaglais, Inbhir Nis. Chuir fear dha mhic air bhonn 'Dallas the Jewellers' ann an Inbhir Narann. Bha mac eile dha, Donald Dallas, ainmeil san sgìre mar chleasaiche.