Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh a' Bhaile, Inbhir Nis
EXTERNAL ID
HC_INV_FACILITIES_007
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1990an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
13467
KEYWORDS
talla a' bhaile
tallaichean
View of Inverness Town House

Chaidh Taigh a' Bhaile, a tha air oisean Sràid a' Chaisteil agus a' Phrìomh Shràid, a thogail le clach-ghainmhich na sgìre eadar 1878 agus 1882 leis na h-ailtirean Matthews agus Lawrie, an àite togalach a bh' ann roimhe. Tha iomadh dealbh crochte air na ballachan, de dhaoine on sgìre a bha cudromach ann an eachdraidh.

B' ann an seo a bha coinneamh Caibineat Bhreatainn anns an t-Sultaia 1921. B' e seo an aon choinneamh dhen Chaibineit a chaidh a chumail air taobh a-muigh Lunnainn riamh.

Bha am Phrìomh Mhinistear, Daibhidh Lloyd George, air làithean-saora ann an Geàrrloch, Taobh Siar Rois, nuair a thuig e gun robh Eirinn air a cùl a chur ris an Ìmpireachd agus ris an Rìgh. Ghairm e coinneamh dhen Chaibineat ann an Inbhir Nis, an àite a dhol air ais a Lunnainn. Bha an iar Phrìomh Mhinistear ann an Dùnaidh agus bha Rìgh Seòras V anns a' Mhòigh. Aig a' choinneimh seo chaidh an 'Inverness Formula' a stèidheachadh a bha na bhunait do na deasbadan aig a' choinneimh far an deach gabhail ri Saor Stàit Neo-eisimeileach na h-Èireann

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh a' Bhaile, Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1990an

talla a' bhaile; tallaichean

Comhairle na Gàidhealtachd

Highland Council: Inverness Area (1990s)

Chaidh Taigh a' Bhaile, a tha air oisean Sràid a' Chaisteil agus a' Phrìomh Shràid, a thogail le clach-ghainmhich na sgìre eadar 1878 agus 1882 leis na h-ailtirean Matthews agus Lawrie, an àite togalach a bh' ann roimhe. Tha iomadh dealbh crochte air na ballachan, de dhaoine on sgìre a bha cudromach ann an eachdraidh.<br /> <br /> B' ann an seo a bha coinneamh Caibineat Bhreatainn anns an t-Sultaia 1921. B' e seo an aon choinneamh dhen Chaibineit a chaidh a chumail air taobh a-muigh Lunnainn riamh.<br /> <br /> Bha am Phrìomh Mhinistear, Daibhidh Lloyd George, air làithean-saora ann an Geàrrloch, Taobh Siar Rois, nuair a thuig e gun robh Eirinn air a cùl a chur ris an Ìmpireachd agus ris an Rìgh. Ghairm e coinneamh dhen Chaibineat ann an Inbhir Nis, an àite a dhol air ais a Lunnainn. Bha an iar Phrìomh Mhinistear ann an Dùnaidh agus bha Rìgh Seòras V anns a' Mhòigh. Aig a' choinneimh seo chaidh an 'Inverness Formula' a stèidheachadh a bha na bhunait do na deasbadan aig a' choinneimh far an deach gabhail ri Saor Stàit Neo-eisimeileach na h-Èireann