Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar - clàrachadh Stèisein Ratharsair, 1946
EXTERNAL ID
HCD_DAVIDBANKS_089
DEIT
30 An Lùnastal 1946
LINN
1940an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
1350
KEYWORDS
gnìomhachas an iasgaich
iasgach a' bhradain mara
bradan
gnìomhachas a' bhradain
iasgach a' bhric
breac
iasgach le lìon
West Highland Salmon Fisheries Co. - Raasay Station Record, 1946

Bhiodh Seumas Banks, neach-seilbh màl iasgaich a' bhradain-mara ann am Port Rìgh, a' glèidheadh deagh chlàran air a' ghnothachas làitheil. Tha an sgrìobhainn seo a' clàrachadh àireamh an èisg a chaidh a ghlacadh ann an lìon Àmh 3 aig stèisean a' bhradain ann an Ratharsair san Iuchar 1946. B' e seo fear de chòig lìn air an iasgach aig Stèisean Ratharsair agus bha e na shuidhe aig Caisteal Bhròchaill air taobh an ear an eilein. B' e Ratharsair tè de na stèiseanan far an robhas a' cur àireamh agus ainm air gach lìon. B' e na h-ainmean aca: Gleasain, Bothag, Sniamh, Ratharsair Bheag, agus Staca-ruadh.

Chaidh an lìon 'Sniamh' seo iasgach on Chèitean gu'n Lùnastal. Thairis air na ceithir mìosan sin chaidh 709 iasg a ghlacadh uile gu lèir thar nan còig lìn - 109 bradan, 564 bànag agus 36 breac.

San Lùnastal 1955, thuit àireamh an èisg a chaidh a ghlacadh san lìon seo gu dìreach 2 bhradan agus 6 bànag. Ann an 1961, a' bhliadhna mus do reic Banks a' ghnothachas, chan eil clàr ann gun deach an lìon seo a sheatadh idir.

West Highland Salmon Fisheries Co Ltd (Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar Earr.)
Ann an 1944 cheannaich Seumas Banks & Mic, Peairt, màl iasgaich a' bhradain aig Oighreachd Chille Mhoire san Eilean Sgitheanach, bho A Powrie & Co, agus chuir e air bhonn a' West Highland Salmon Fisheries Co Ltd' (Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar Earr.) gus am màl obrachadh. Chùm an companaidh a' dol gu ruig 1962 nuair a chaidh a reic gu Coinneach MacMhathain, Port Rìgh.

Nuair a ghabh Banks & Mic thairis am màl bha stèiseanan iasgaich ann an Leathallt, Rigg (Boraraig), Stafainn, Port Rìgh, Camas Tianabhaig, Bail' Meadhanach agus Caisteal Bhròchaill (ann an Ratharsair). Ann an 1956 chaidh Bail' Meadhanach agus Camas Tianabhaig a chur còmhla mar stèisean a' Bhràighe, le triùir ag obair ann, ged a bhiodh ceathrar ag obair mar bu trice sna stèiseanan eile. Bhiodh an companaidh a' cumail mu 28 duine ann an obair gach bliadhna, agus an obair ga thairgse dhan aon fheadhainn gach bliadhna mus fheuchadh an companaidh ri daoine ùra fhastadh.

Bhiodh an seusan a' tòiseachadh fada sa Ghiblean/ tràth sa Chèitean agus a' dol gu deireadh an Lùnastail. Bhiodh grùnn fhireannaich cuideachd gam fastadh ann am mìosan a' gheamhraidh ach an toireadh iad deigh a nìos o dhama an t-Slugain gu bhith air a stòradh san taigh-deighe aig cidhe Phort Rìgh. Bhiodh gach ball den sgioba a' faighinn cùmhnant le fios air tuarastal, sgeama airgid a-bharrachd a bha san amharc agus uairean obrach agus chaidh oilisgin agus bòtannan rubair a thoirt dha.

Chaidh an t-iasg glacte a roinn ann am bradan, bànag agus breac, agus àireamh nam bànag a bu mhotha. Gach bliadhna ghlacadh iad mu 3000 iasg uile-gu-lèir fada sna 1940an agus tràth sna 1950an. Ann an 1957 chaidh an àireamh a bu mhotha a-riamh a ghlacadh - faisg air 10,000 iasg.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar - clàrachadh Stèisein Ratharsair, 1946

1940an

gnìomhachas an iasgaich; iasgach a' bhradain mara; bradan; gnìomhachas a' bhradain; iasgach a' bhric; breac; iasgach le lìon

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

David Banks: West Highland Salmon Fisheries Co Ltd (documents)