- TIOTAL
- Cathair-eaglais Inbhir Nis
- EXTERNAL ID
- HC_MISC_IMAGES_004
- ÀITE
- Inbhir Nis
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
- LINN
- 1990an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Comhairle na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 13545
- KEYWORDS
- cathair-eaglais
eaglais
eaglaisean
snaidhidhean

Anns an dealbh camara seo tha na craobhan sirist air beulaibh Cathair-eaglais Inbhir Nis fo bhlàth. Chaidh Cathair-eaglais Naoimh Anndra a togail eadar 1866 agus 1869. Chaidh a dealbhachadh le Alasdair Ros. Coisrigte ann an 1874, b' i a' chiad chathair-eaglais a chaidh a togail ann am Breatainn an dèidh an Ath-leasachaidh.
Anns a' chiad phlanaichean dhen chathair-eaglais bha dà stìopall de 30 meatair, clabhstair, agus seansail fada na b' fhaide, ach cha deach an togail riamh. Thathar an dùil gun robh an dealbh stèidhichte air Cathair eaglais Ghothaic Mhoireibh, ann an Eilginn.
Air a' bhogha timcheall air an uinneig san trainseapt tha each agus cuibhle air an snaidheadh. Fhad 's a bhathar a' togail an togalaich, thathar a' creidsinn gun robhar a' togail nan clachan le pulaidh agus cuibhle a bha air a tionndadh le eich. Goirid mus deach crìoch a chur air an togalach, shleamhnaich tè de na clachan seo agus mharbhadh an t-each. Tha an snaidheadh seo mar chuimhhneachan air a' bheathach.