- TIOTAL
- Geataichean Canàl, Cille Chuimein
- EXTERNAL ID
- HC_MISC_IMAGES_007
- ÀITE
- Cille Chuimein
- SGÌRE
- An Àird
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Both Fhleisginn 's Obar Thairbh
- LINN
- 1990an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Comhairle na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 13548
- KEYWORDS
- canàlan
geataichean

Tha na geataichean ann an Cille Chuimein a' dèanamh an-àirde pàirt de Chanàl a' Chaledonian a tha a' ceangal a' Chorpaich fasig air a Ghearastan ri Clach na h-Aire, Inbhir Nis. Tha sreath de chòig geataichean a' ruith tro Chille Chuimein far a bheil an canàl a' cromadh sìos gu Loch Nis.
Tha Canàl a; Chaledonian mu thuairmse 60 mìle a dh'fhad. Thogadh an canàl air dhòigh 's gun robh e farsaing gu leòr ann an àiteachan gus an deigheadh aig bàtaichean-ghunna a' Chabhlaich Rìoghail a chleachdadh aig àm Cogadh Napoleon. Bha an Caol Arcach stoirmeil agus b' urrainn dha na bàtaichean a-nis sin agus cabhlach na Frainge a sheachnadh. 'S e lochan a tha sa chuid as motha dhen chanàl - Loch Dabhach Phùir, Loch Nis, Loch Oich agus Loch Lòchaidh. Tha 29 geataichean air a' chanàl, nam measg "Staidhre Neptune", sreath de 8 gheataichean aig Bainbhidh. Rinneadh dealbhan airson a' chanàl le Seumas Watt cho tràth ri 1773, ach cha deach tòiseachadh air gu 1803, agus 's e Jessop agus Telford a dhealbhaich e. Dh'fhosgail pàirt dhen chanàl ann an 1822, agus chuireadh crìoch air ann an 1843-47.