Ùrachadh mu Dheireadh 10/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sràid na Drochaid Inbhir Nis
EXTERNAL ID
HC_MISC_IMAGES_010
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
2 Gearran 1994
LINN
1990an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
13551
KEYWORDS
sràidean
stìopaill
bùthan-chìsean
Bridge Street, Inverness

Tha an dealbh camara seo a' sealltainn Sràid na Drochaid ann an Inbhir Nis, a' coimhead gu deas gu Abhainn Nis. Air an làimh Dheis tha an t-slighe a-steach do Shràid na h-Eaglaise leis a' phàirt as ìsle de Stìopall a' Bhaile suidhichte san oisean. 'S e an stìopall fhèin na tha air fhàgail de thogalach bhùth-chìsean a chaidh a thogail ann an 1791 aig cosgais £3,400 uile gu lèir. Air a thogail leis an ailtire Uilleam Sibbald à Dun Èideann tha an stìopall 130 troigh a dh'àirde agus ged a chaidh a lùbadh gu dona le crith-talmhainn ann an 1816, chaidh a dhèanamh dìreach a-rithist beagan bhliadhnaichean às dèidh sin.

Chaidh a' cheàrnaidh seo den bhaile ath-thogail aig deireadh na 1950an agus toiseach na 1960an. Am measg nan leasachaidhean chaidh seann Dhrochaid-chrochte Nis a leagail agus chaidh structair concrait a thogail na h-àite. Chaidh na togalaichean air taobh chlì na sràide a leagail cuideachd agus chaidh an rathad a leudachadh mus deach togalaichean ùra concrait a thogail. Chaidh mòran de na togalaichean air taobh dheis na sràide a leagail nas fhaide air adhart anns na 1960an airson àite a dhèanamh dha prìomh-oifis Bòrd Lasachaidh na Gàidhealtach 's nan Eilean (HIDB).

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sràid na Drochaid Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1990an

sràidean; stìopaill; bùthan-chìsean

Comhairle na Gàidhealtachd

Tha an dealbh camara seo a' sealltainn Sràid na Drochaid ann an Inbhir Nis, a' coimhead gu deas gu Abhainn Nis. Air an làimh Dheis tha an t-slighe a-steach do Shràid na h-Eaglaise leis a' phàirt as ìsle de Stìopall a' Bhaile suidhichte san oisean. 'S e an stìopall fhèin na tha air fhàgail de thogalach bhùth-chìsean a chaidh a thogail ann an 1791 aig cosgais £3,400 uile gu lèir. Air a thogail leis an ailtire Uilleam Sibbald à Dun Èideann tha an stìopall 130 troigh a dh'àirde agus ged a chaidh a lùbadh gu dona le crith-talmhainn ann an 1816, chaidh a dhèanamh dìreach a-rithist beagan bhliadhnaichean às dèidh sin.<br /> <br /> Chaidh a' cheàrnaidh seo den bhaile ath-thogail aig deireadh na 1950an agus toiseach na 1960an. Am measg nan leasachaidhean chaidh seann Dhrochaid-chrochte Nis a leagail agus chaidh structair concrait a thogail na h-àite. Chaidh na togalaichean air taobh chlì na sràide a leagail cuideachd agus chaidh an rathad a leudachadh mus deach togalaichean ùra concrait a thogail. Chaidh mòran de na togalaichean air taobh dheis na sràide a leagail nas fhaide air adhart anns na 1960an airson àite a dhèanamh dha prìomh-oifis Bòrd Lasachaidh na Gàidhealtach 's nan Eilean (HIDB).