Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sràid Inglis, Inbhir Nis, a' coimhead gu Taigh-òsta Rìoghail na Gàidhealtachd
EXTERNAL ID
HC_MISC_IMAGES_012
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
2 An Gearran 1994
LINN
1990an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
13553
KEYWORDS
sràidean, margaidhean, taighean-òsta
Inglis Street, Inverness, looking towards the Royal Higland Hotel

'S e sealladh sealladh sìos Sràid Inglis gu Taigh-òsta Rìoghail na Gàidhealtachd ann an Sràid an Acadamaidh a tha seo. Bha Sràid Inglis, a bha air a h-ainmeachadh an dèidh a' Phròbhaist Uilleam Inglis, air a cleachdadh mar shlighe eadar margaidh na mine agus margaidh an sprèidh. Bhiodh Fèill Mhàrtainn air a chumail air an t-sràid seo, cho math ri Sràid an Acadamaidh agus an Gheata an Ear gach Samhain. B' e 'Fèill na càise' a bh' aig muinntir an àite air seo a chionn 's gum biodh càise agus ìm na sgìre gan reic aig an fhèill bhliadhnail seo. An-diugh tha a' chuid as motha den t-sràid seo airson coisichean a-mhàin. Tha a chuid as motha de na togalaichean ann an Sràid Inglis bhon 19mh linn.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture