Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sealladh bho Bhaile na Feadaig gu Caolas Mhoireibh
EXTERNAL ID
HC_MISC_IMAGES_013
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1990an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
13554
KEYWORDS
drochaidean
cnuic
aiseagan
rathaidean/ròidean
View from Balnafettack towards the Moray Firth

Anns an t-sealladh seo thar Inbhir Nis chithear Drochaid Cheiseig a' dol thairis air Linne na Manachainn far a bheil i a thighinn a-steach do Linne Mhoireibh. Tha an drochaid a chaidh fhosgladh ann an 1982 a' ceangal mòr-bhaile Inbhir Nis ris an Eilean Dhubh. 'S e Cnoc an Ùird a chanar ris a' chnoc air taobh tuath na linne.

Bha seirbheis aiseag a' ruith eadar Ceiseig a Deas ann an Inbhir Nis agus Ceiseig a Tuath san Eilean Dhubh airson 700 bliadhna mus deach an drochaid a thogail. Chan b' urrainn dhi ach luchd-siubhail dhan cois a ghliùlan gu deireadh na 1940an nuair a chaidh aiseag charbadan a thoirt a-steach. A-nis tha an drochaid a' gùlan a' phrìomh rathad an A9 gu tuath agus gu deas agus tha i air còmhdhail rathaid air Ghàidhealtachd a leasachadh gu mòr.

Aig meadhan-astar tha cala Inbhir Nis. Anns na linntean roimhe seo bha Inbhir Nis ann an deagh shuidheachadh airson malairt anns a' Chuan a Tuath, Ach aig deireadh na 19mh linn agus tòiseach na 20mh linn bha ao-doimhneachd na cala agus dìth àite còmhnaidh dha seòladairean a' ciallachadh gun robh Inbhir Ghòrdain na bu fhreagarraiche na cala Inbhir Nis

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sealladh bho Bhaile na Feadaig gu Caolas Mhoireibh

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1990an

drochaidean; cnuic; aiseagan; rathaidean/ròidean

Comhairle na Gàidhealtachd

Anns an t-sealladh seo thar Inbhir Nis chithear Drochaid Cheiseig a' dol thairis air Linne na Manachainn far a bheil i a thighinn a-steach do Linne Mhoireibh. Tha an drochaid a chaidh fhosgladh ann an 1982 a' ceangal mòr-bhaile Inbhir Nis ris an Eilean Dhubh. 'S e Cnoc an Ùird a chanar ris a' chnoc air taobh tuath na linne. <br /> <br /> Bha seirbheis aiseag a' ruith eadar Ceiseig a Deas ann an Inbhir Nis agus Ceiseig a Tuath san Eilean Dhubh airson 700 bliadhna mus deach an drochaid a thogail. Chan b' urrainn dhi ach luchd-siubhail dhan cois a ghliùlan gu deireadh na 1940an nuair a chaidh aiseag charbadan a thoirt a-steach. A-nis tha an drochaid a' gùlan a' phrìomh rathad an A9 gu tuath agus gu deas agus tha i air còmhdhail rathaid air Ghàidhealtachd a leasachadh gu mòr.<br /> <br /> Aig meadhan-astar tha cala Inbhir Nis. Anns na linntean roimhe seo bha Inbhir Nis ann an deagh shuidheachadh airson malairt anns a' Chuan a Tuath, Ach aig deireadh na 19mh linn agus tòiseach na 20mh linn bha ao-doimhneachd na cala agus dìth àite còmhnaidh dha seòladairean a' ciallachadh gun robh Inbhir Ghòrdain na bu fhreagarraiche na cala Inbhir Nis