Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' seòlach curach air Abhainn Nis
EXTERNAL ID
HC_MISC_IMAGES_016
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1990an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
13556
KEYWORDS
curach
curaichean
aibhneachan
drochaidean
caistealan
taighean-cùirte
prìosain
seòmraichean-cùirte
Canoeing on the River Ness

Tha an dealbh camara seo de luchd-seòlaidh churaichean air Abhainn Nis a' coimhead gu tuath gu meadhan a' mhòr-bhaile. Chithear Drochaid an Taigh-eiridinn air taobh chlì an deilbh agus air an làimh dheis dealbh-iomaill Caisteal Inbhir Nis. Tha caisteal air a bhith air an làraich seo bhon 12mh linn. Anns na 500 bliadhna as dèidh seo chaidh a sgrios agus ath-thogail grunn thurais.

Tha ceann a deas caisteal an latha an-diugh, an taigh-cùirte, a' dol air ais gu 1833-6 agus chaidh an roinn a tuath a chur ris mar phrìosan ann an 1848. Ann an 1901, as dèidh prìosan Phorterfield a thogail, thàinig an roinn sin dhen chaisteal gu bhith na phrìomh-oifis do Phoilis Siorrachd Inbhir Nis agus thàinig an taigh-cùirte gu bhith na Sheòmar Comhairle do Chomhairle Siorrachd Inbhir Nis. As dèidh ath-eagrachaidh an riaghaltais ionadail sna 1970an thàinig e gu bhith na Sheòmar-cùirte don Sgìre.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' seòlach curach air Abhainn Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1990an

curach; curaichean; aibhneachan; drochaidean; caistealan; taighean-cùirte; prìosain; seòmraichean-cùirte

Comhairle na Gàidhealtachd

Tha an dealbh camara seo de luchd-seòlaidh churaichean air Abhainn Nis a' coimhead gu tuath gu meadhan a' mhòr-bhaile. Chithear Drochaid an Taigh-eiridinn air taobh chlì an deilbh agus air an làimh dheis dealbh-iomaill Caisteal Inbhir Nis. Tha caisteal air a bhith air an làraich seo bhon 12mh linn. Anns na 500 bliadhna as dèidh seo chaidh a sgrios agus ath-thogail grunn thurais.<br /> <br /> Tha ceann a deas caisteal an latha an-diugh, an taigh-cùirte, a' dol air ais gu 1833-6 agus chaidh an roinn a tuath a chur ris mar phrìosan ann an 1848. Ann an 1901, as dèidh prìosan Phorterfield a thogail, thàinig an roinn sin dhen chaisteal gu bhith na phrìomh-oifis do Phoilis Siorrachd Inbhir Nis agus thàinig an taigh-cùirte gu bhith na Sheòmar Comhairle do Chomhairle Siorrachd Inbhir Nis. As dèidh ath-eagrachaidh an riaghaltais ionadail sna 1970an thàinig e gu bhith na Sheòmar-cùirte don Sgìre.