Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' Cheàrnag; A' Mhanachainn
EXTERNAL ID
HC_MISC_IMAGES_017
ÀITE
A' Mhanachainn
SGÌRE
An Àird
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cill Mhòraig
LINN
1990an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
13557
KEYWORDS
carraighean-cuimhne
ceàrnagan
bailtean
manachainn
eaglais
eaglaisean
manachainn
manachainnean
manachail
Friseal
MacShimidh
The Square, Beauly

Tha an dealbh camara seo a' sealltainn craobhan siriste fo bhlàth ri taobh carragh-cuimhne do Shaighdearan Faire MhicShimidh aig ceann an ear a' phrìomh cheàrnag ann am baile na Manachainn. Tha a' Mhanachainn 12 mìle (19km) an iar air Inbhir Nis, aig beul Abhainn na Manachainn. Dh'fhàs am baile mun cuairt air a' Mhanachainn, a chaidh a stèidheachadh ann an 1320. Chaidh a' cheàrnag a th' ann an-diugh a chur a-mach le Frisealaich MhicShimidh (Lòbhat) anns na 1840an.

Tha an t-ainm 'Beauly' a' tighinn bhon Fhraingis 'beau lieu', no 'àite àlainn'. Ann an 1564, dh'fhuirich Màiri Banrigh na h-Alba aig a' mhanachainn fhad 's a bha i a' siubhal sa Ghàidhealtachd. A rèir beachd a' mhòr-chuid thàinig an t-ainm bho iomradh a rinn i rè a turais.

Dh'fhoillsich Mac an Tòisich, Morair-Ionaid a' Chrùin san t-siorrachd, a' charragh-chuimhne do Shaighdearan faire MhicShimidh (na "Lovat Scouts"), air Diciadain an 21mh latha dhen Dùbhlachd 1905. Tha 50 troigh a dh'àirde anns a' charragh-chuimhne, agus tha 4 clàir air. Air aon dhiubh tha e sgrìobhte "Erected by the Lovat tenantry and feuars of the Aird and Fort Augustus districts to commemorate the raising of the Lovat Scouts for service in South Africa by Simon Joseph, 18th Lord Lovat, C.V.O., C.B., D.S.O., who desired to show the martial spirit of their forefathers still animates the Highlanders of today, and whose confidence was justified by the success in the field of the gallant corps whose enterprise was due to his loyalty and patriotism.- A.D. 1905."

Air clàr eile tha ainmean nan oifigearan agus na trì feachdan de Shaighdeanan Faire MhicShimidh, agus air an treas clàr tha sreath de dh'ainmean 23 oifigearan, oifigearan gun bharantas, agus saighdearan a chaill am beatha ann am blàr no air sgàth leòn no tinneis. Air a' cheathramh clàr, ann an dealbh-tilgte de dh'umha, tha saighdear na sheasamh ri taobh eich, agus oifigear crùbte ri thaobh a' sealltainn a-mach air an dùthaich.

Choisinn na Saighdearan Faire MhicShimidh cliù ann an ceann a deas Afraga, agus anns an dà chogadh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' Cheàrnag; A' Mhanachainn

INBHIR NIS: Cill Mhòraig

1990an

carraighean-cuimhne; ceàrnagan; bailtean; manachainn; eaglais; eaglaisean; manachainn; manachainnean; manachail; Friseal; MacShimidh