Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sealladh de Thaigh Baile Inbhir Nis bho Shràid na Drochaid
EXTERNAL ID
HC_MISC_IMAGES_024
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1990an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
13560
KEYWORDS
talla baile
tallaicchean baile
sràidean
Inverness Town House viewed from Bridge Street

Tha Taigh Baile Inbhir Nis suidhichte air oisean Sràid a' Chaisteil agus Sràid na Drochaid. Bha e air a dheilbh le na h-ailtirean Matthews agus Lawrie an àite togalach na bu tràithe agus chaidh a thogail eadar 1878 agus 1882 de ghainmh-chlach ionadail. Tha mòran dheilbh de dhaoine eachdraidheil ionadail crochte air na ballachan. B' ann san togalach seo a bha coinneamh eachdraidheil Caibineit Bhreatainn anns an t-Sultain 1921. B' e seo an aon choinneamh dhen Phàrlamaid a chaidh a chumail taobh am muigh Lunnainn riamh.

Tha Taigh a' Bhaile gu math eadar-dhealaichte bho na togalaichean cancrait a tha ri thaobh.Chaidh mòran de Sràid na Drochaid ath-thogail aig deireadh na 1950an agus toiseach na 1960an. Am measg nan leasachaidhean chaidh seann Dhrochaid-chrochte Nis a leagail agus chaidh structair concrait a thogail na h-àite. Chaidh na togalaichean air taobh deas na sràide a leagail cuideachd agus chaidh an rathad a leudachadh mus deach togalaichean ùra concrait a thogail. Chaidh mòran de na togalaichean air taobh tuath na sràide a leagail nas fhaide air adhart anns na 1960an airson àite a dhèanamh dha prìomh-oifis Bòrd Leasachaidh na Gàidhealtach 's nan Eilean (HIDB).

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sealladh de Thaigh Baile Inbhir Nis bho Shràid na Drochaid

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1990an

talla baile; tallaicchean baile; sràidean

Comhairle na Gàidhealtachd

Tha Taigh Baile Inbhir Nis suidhichte air oisean Sràid a' Chaisteil agus Sràid na Drochaid. Bha e air a dheilbh le na h-ailtirean Matthews agus Lawrie an àite togalach na bu tràithe agus chaidh a thogail eadar 1878 agus 1882 de ghainmh-chlach ionadail. Tha mòran dheilbh de dhaoine eachdraidheil ionadail crochte air na ballachan. B' ann san togalach seo a bha coinneamh eachdraidheil Caibineit Bhreatainn anns an t-Sultain 1921. B' e seo an aon choinneamh dhen Phàrlamaid a chaidh a chumail taobh am muigh Lunnainn riamh.<br /> <br /> Tha Taigh a' Bhaile gu math eadar-dhealaichte bho na togalaichean cancrait a tha ri thaobh.Chaidh mòran de Sràid na Drochaid ath-thogail aig deireadh na 1950an agus toiseach na 1960an. Am measg nan leasachaidhean chaidh seann Dhrochaid-chrochte Nis a leagail agus chaidh structair concrait a thogail na h-àite. Chaidh na togalaichean air taobh deas na sràide a leagail cuideachd agus chaidh an rathad a leudachadh mus deach togalaichean ùra concrait a thogail. Chaidh mòran de na togalaichean air taobh tuath na sràide a leagail nas fhaide air adhart anns na 1960an airson àite a dhèanamh dha prìomh-oifis Bòrd Leasachaidh na Gàidhealtach 's nan Eilean (HIDB).