Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Geataichean Canàl ann an Cille Chuimein
EXTERNAL ID
HC_MISC_IMAGES_026
ÀITE
Cille Chuimein
SGÌRE
An Àird
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Both Fhleisginn 's Obar Thairbh
LINN
1990an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
13562
KEYWORDS
canàlan
geataichean
Canal locks at Fort Augustus

Tha na geataichean ann an Cille Chuimein a' dèanamh an-àirde pàirt de Chanàl a' Chaledonian a tha a' ceangal a' Chorpaich fasig air a Ghearastan ri Clach na h-Aire, Inbhir Nis. Tha sreath de chòig geataichean a' ruith tro Chille Chuimein far a bheil an canàl a' cromadh sìos gu Loch Nis.

Tha Canàl a; Chaledonian mu thuairmse 60 mìle a dh'fhad. Thogadh an canàl air dhòigh 's gun robh e farsaing gu leòr ann an àiteachan gus an deigheadh aig bàtaichean-ghunna a' Chabhlaich Rìoghail a chleachdadh aig àm Cogadh Napoleon. Bha an Caol Arcach stoirmeil agus b' urrainn dha na bàtaichean a-nis sin agus cabhlach na Frainge a sheachnadh. 'S e lochan a tha sa chuid as motha dhen chanàl - Loch Dabhach Phùir, Loch Nis, Loch Oich agus Loch Lòchaidh. Tha 29 geataichean air a' chanàl, nam measg "Staidhre Neptune", sreath de 8 geataichean aig Bainbhidh. Rinneadh dealbhan airson a' chanàl le Seumas Watt cho tràth ri 1773, ach cha deach tòiseachadh air gu 1803, agus 's e Jessop agus Telford a dhealbhaich e. Dh'fhosgail pàirt dhen chanàl ann an 1822, agus chuireadh crìoch air ann an 1843-47.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Geataichean Canàl ann an Cille Chuimein

INBHIR NIS: Both Fhleisginn 's Obar Thairbh

1990an

canàlan; geataichean

Comhairle na Gàidhealtachd

Tha na geataichean ann an Cille Chuimein a' dèanamh an-àirde pàirt de Chanàl a' Chaledonian a tha a' ceangal a' Chorpaich fasig air a Ghearastan ri Clach na h-Aire, Inbhir Nis. Tha sreath de chòig geataichean a' ruith tro Chille Chuimein far a bheil an canàl a' cromadh sìos gu Loch Nis.<br /> <br /> Tha Canàl a; Chaledonian mu thuairmse 60 mìle a dh'fhad. Thogadh an canàl air dhòigh 's gun robh e farsaing gu leòr ann an àiteachan gus an deigheadh aig bàtaichean-ghunna a' Chabhlaich Rìoghail a chleachdadh aig àm Cogadh Napoleon. Bha an Caol Arcach stoirmeil agus b' urrainn dha na bàtaichean a-nis sin agus cabhlach na Frainge a sheachnadh. 'S e lochan a tha sa chuid as motha dhen chanàl - Loch Dabhach Phùir, Loch Nis, Loch Oich agus Loch Lòchaidh. Tha 29 geataichean air a' chanàl, nam measg "Staidhre Neptune", sreath de 8 geataichean aig Bainbhidh. Rinneadh dealbhan airson a' chanàl le Seumas Watt cho tràth ri 1773, ach cha deach tòiseachadh air gu 1803, agus 's e Jessop agus Telford a dhealbhaich e. Dh'fhosgail pàirt dhen chanàl ann an 1822, agus chuireadh crìoch air ann an 1843-47.