Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Abaid Chille Chuimein
EXTERNAL ID
HC_MISC_IMAGES_027
ÀITE
Cille Chuimein
SGÌRE
An Àird
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Both Fhleisginn 's Obar Thairbh
LINN
1990an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
13563
KEYWORDS
abaidean
eaglaisean
manachainnean
gearastain
sgoiltean
manaich
Fort Augustus Abbey

Tha an dealbh camara seo a' sealltainn sealladh den eaglais agus a' mhanachainn aig Abaid Chille Chuimein. B' e làrach gearastan armailteach a thog Seanalair Wade an dèidh Ar-a-mach nan Seumasach ann an 1715 a bh' ann roimhe. Chaidh an gearastan ainmeachadh an dèidh fear de mhic Rìgh Seòras II, am Prionnsa Uilleam Augustus, a thàinig gu bhith na Dhùic Chumberland, 'Buidsear' ainmeil Chùil Lodair.

Chaidh an gearastan aig Cille Chuimein a cheannach bhon riaghaltas leis a' 14mh Morair Mac Shimidh ann an 1867 airson a chleachdadh mar loidse seilg. Anns na 1870an, thug am fear a thàinig as a dhèidh an loidse seachad don Òrdugh Mhanachainneach Bhenedictine air màl, agus thòisich iad air na togalaichean a leasachadh gu abaid, sgoil agus manachainn. Chaidh an obair-leasachaidh thùsail agus am pìos a chaidh a chur ris a dhealbhachadh le Iòseph Hansom (ainmeil airson a Hansom Cab) le togalaichean eile air an cur ris le Pàdraig Pòl Pugin, Reginald Fairlie, Teàrlach Gray agus Uilleam Watt Ailean. Dh'fhuirich manaich aig an abaid gu 1998. Tha Cille Chuimein suidhichte aig ceann an iar-dheas Loch Nis. Chaidh ainmeach bho thùs an dèidh an Naomh Cuimein a thog eaglais an sin agus 's e Cille Chuimein an t-ainm Gàidhlig a th' air fhathast,

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Abaid Chille Chuimein

INBHIR NIS: Both Fhleisginn 's Obar Thairbh

1990an

abaidean; eaglaisean; manachainnean; gearastain; sgoiltean; manaich

Comhairle na Gàidhealtachd

Tha an dealbh camara seo a' sealltainn sealladh den eaglais agus a' mhanachainn aig Abaid Chille Chuimein. B' e làrach gearastan armailteach a thog Seanalair Wade an dèidh Ar-a-mach nan Seumasach ann an 1715 a bh' ann roimhe. Chaidh an gearastan ainmeachadh an dèidh fear de mhic Rìgh Seòras II, am Prionnsa Uilleam Augustus, a thàinig gu bhith na Dhùic Chumberland, 'Buidsear' ainmeil Chùil Lodair.<br /> <br /> Chaidh an gearastan aig Cille Chuimein a cheannach bhon riaghaltas leis a' 14mh Morair Mac Shimidh ann an 1867 airson a chleachdadh mar loidse seilg. Anns na 1870an, thug am fear a thàinig as a dhèidh an loidse seachad don Òrdugh Mhanachainneach Bhenedictine air màl, agus thòisich iad air na togalaichean a leasachadh gu abaid, sgoil agus manachainn. Chaidh an obair-leasachaidh thùsail agus am pìos a chaidh a chur ris a dhealbhachadh le Iòseph Hansom (ainmeil airson a Hansom Cab) le togalaichean eile air an cur ris le Pàdraig Pòl Pugin, Reginald Fairlie, Teàrlach Gray agus Uilleam Watt Ailean. Dh'fhuirich manaich aig an abaid gu 1998. Tha Cille Chuimein suidhichte aig ceann an iar-dheas Loch Nis. Chaidh ainmeach bho thùs an dèidh an Naomh Cuimein a thog eaglais an sin agus 's e Cille Chuimein an t-ainm Gàidhlig a th' air fhathast,