Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sgeul nan Gizzenbriggs
EXTERNAL ID
HC_GIZZENBRIGGS
DEIT
2003
CRUTHADAIR
Tain Royal Academy
NEACH-FIOSRACHAIDH
Pròiseact Sgeulachdan nam Merry Dancers
AITHNEACHADH MAOINE
136
KEYWORDS
Cultar
Beul-aithris
ceòl dùthchasach
bhideo
bhideothan
gizzen briggs

Get Adobe Flash player

'S e beò-dhealbh a' cleachdadh Macromedia Flash a th' ann an Sgeul nan Gizzenbriggs, agus chaidh a chruthachadh ann an teirm an Fhoghair 2003 le oileanaich sa chiad bhliadhna ann an Roinn Ealain Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich ann an Ros agus Cromba, ann an co-bhuinn ris an tidsear aca Mìcheal Rush. Rinn a' chlann obair an toiseach còmhla ri Roinn Beurla na h-Acadamaidh agus an sgeulaiche Martin Watssman ach an ionnsaicheadh iad an sgeul a' bhuineas dhan sgìre. An uair sin rinn iad obair còmhla ris a' bheothadair Daibhidh Mac a' Ghobhainn - a tha a' fuireach ann am Baile Dhubhthaich, mar a tha Mìcheal - agus Rab Pegg air an robh dleastanas cuideachadh le obair air an sgrìobt agus le obair a' chlàraidh. Tha guthan na cloinne air fad a bha an sàs ann rin cluinntinn, agus tha na h-ìomhaighean a dhealbh iad fhèin ag innse na sgeòil.

Bha pròiseact beò-dhealbh nan Gizzenbergs na phàirt de Phròiseact Seanachais nam Merry Dancers, iomairt seanchais trì bliadhna le Ionnsachadh agus Cur-seachad Coimhearsnachd Comhairle na Gàidhealtachd ann an Ros is Cromba, le taic bho Iomairt Rois agus Chrombaidh agus Crannchur Comhairle Ealain na h-Alba. Ann an 2004 bhuannaich am beò-dhealbh duais engage Scotland airson Ealain Sùla ann am Foghlam.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sgeul nan Gizzenbriggs

Cultar; Beul-aithris; ceòl dùthchasach; bhideo; bhideothan; gizzen briggs

Pròiseact Sgeulachdan nam Merry Dancers

'S e beò-dhealbh a' cleachdadh Macromedia Flash a th' ann an Sgeul nan Gizzenbriggs, agus chaidh a chruthachadh ann an teirm an Fhoghair 2003 le oileanaich sa chiad bhliadhna ann an Roinn Ealain Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich ann an Ros agus Cromba, ann an co-bhuinn ris an tidsear aca Mìcheal Rush. Rinn a' chlann obair an toiseach còmhla ri Roinn Beurla na h-Acadamaidh agus an sgeulaiche Martin Watssman ach an ionnsaicheadh iad an sgeul a' bhuineas dhan sgìre. An uair sin rinn iad obair còmhla ris a' bheothadair Daibhidh Mac a' Ghobhainn - a tha a' fuireach ann am Baile Dhubhthaich, mar a tha Mìcheal - agus Rab Pegg air an robh dleastanas cuideachadh le obair air an sgrìobt agus le obair a' chlàraidh. Tha guthan na cloinne air fad a bha an sàs ann rin cluinntinn, agus tha na h-ìomhaighean a dhealbh iad fhèin ag innse na sgeòil.<br /> <br /> Bha pròiseact beò-dhealbh nan Gizzenbergs na phàirt de Phròiseact Seanachais nam Merry Dancers, iomairt seanchais trì bliadhna le Ionnsachadh agus Cur-seachad Coimhearsnachd Comhairle na Gàidhealtachd ann an Ros is Cromba, le taic bho Iomairt Rois agus Chrombaidh agus Crannchur Comhairle Ealain na h-Alba. Ann an 2004 bhuannaich am beò-dhealbh duais engage Scotland airson Ealain Sùla ann am Foghlam.