- TIOTAL
- Sandaidh MacThòmais à Coisir Gàidhlig Inbhir Pheofharain
- EXTERNAL ID
- HC_NORMANDYVETERANS_2009_078
- ÀITE
- Inbhir Pheofharain
- SIORRACHD/PARRAIST
- ROS: Inbhir Pheofharain
- DEIT
- 23 An Lùnastal 2009
- LINN
- 2000an
- CRUTHADAIR
- Ewen Weatherspoon
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- The Highland Council
- AITHNEACHADH MAOINE
- 13610
- KEYWORDS
- an dàrna cogadh
armailteach
cuimhneachadh

Sandaidh MacThòmais à Coisir Gàidhlig Inbhir Pheofharain os cionn na seinn.
Aig an tachartas seo air 23 An Lùnastal 2009, bha buill de Mheur na Gàidhealtachd 's nan Eilean de Chomman Seann Shaighdearan Normandaidh a' meàrrsadh airson an turais mu dheireadh mus tug iad suas an dathan agus a thug iad am brataichean do Chomhairle na Gàidhealtachd airson an taisbeanaidh gu buan-mhaireannach.
Chruinnich trì-deug de na 43 buill a tha fhathst beò, còmhla ri teaghlaichean, caraidean agus aoighean a fhuair fiathachadh, aig Cuimhneachan Seann Shaighdearan Normandaidh, Ceàrnag an Stèisein, Inbhir Pheofharain gus blàth-fhleasgan a chur sìos mus do rinn iad caismeachd seachad air a' Charragh-cuimhne. Chaidh an nochdadh urraim a ghabhail leis a' Mhorair Leifteanant fhad 's a bha iad a' meàrrsadh seachad air a' charragh-cuimhne, le Còmhlan Pìoba Lègion Rìoghail Bhreatainn air an ceann, mus do chùm iad orra gu togalaichean Chomhairle na Gàidhealtachd.
An dèidh ùrnaigh dì-choimiseanaidh leis an Urr Russel Mac a' Ghobhainn thug Neach-brataich nan Seann Shaighdearan na dathan don Chomhairliche Mairead NicPhàdraig. Thèid na dathan a thaisbeanadh ann an seòmar na Comhairle gu buan-mhaireannach.
'S e buidheann taic dha seann shaighdearan a chaidh air tìr ann an Normandaidh, a thachair air tràighean na Frainge san Ògmhios 1944, a th' ann an Comann Seann Shaighdearan Normandaidh. B' e tionndadh cudromach anns an Dàrna Cogadh a bha seo. Chaidh am buidheann a chur air chois ann an 1981. Nuair a chaidh seo a sgrìobhadh (An Lùnastal 2009) tha 5800 ball aig a' Chomann a tha fhathast beò