- TIOTAL
- Cuimhneachan Cogaidh Leòdhais
- EXTERNAL ID
- HC_PLANNING_01_006_0137
- ÀITE
- Steòrnabhagh
- SGÌRE
- Leòdhas
- SIORRACHD/PARRAIST
- ROS: Steòrnabhagh
- DEIT
- Am Faoilleach 1968
- LINN
- 1960an
- CRUTHADAIR
- T. Kenneth MacKenzie
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 13627
- KEYWORDS
- cuimhneachain
carraighean-cuimhne
cogaidhean
An Cogadh Mòr
An Dàrna Cogadh

Chaidh coinneamh phoblach a chumail ann an Steòrnabhagh san Fhaoilleach 1920 gus beachdachadh air airgead a thogail airson Carragh-cuimhne airson an fheadhainn a chaidh a mharbhadh anns a' Chogadh Mhòr agus ann am mòr-thubaist na h-Iolaire. Bhuannaich Mgr JH Gall à Inbhir Nis a' cho-fharpais dealbhaidh agus chaidh an obair a chrìochnachadh ann an 1924. Tha a' charragh-cuimhne, a tha còrr is 26 meatair a dh'àirde, na seasamh air Cnoc nan Uan, an t-àite as àirde ann an Steòrnabhagh. Tha talla inntrigidh agus ceithir seòmraichean shuas an staidhre, fear airson gach paraiste ann an Leòdhas. Anns gach seòmar tha ainm nan daoine a chaidh às an rathad às a' pharaiste sin air an sgrìobhadh air clàran umha. Chaidh clàran a bharrachd a chur ris a' charragh-chuimhne le ainmean nan daoine a chaidh a mharbhadh san Dàrna Cogadh.
Chaidh an carragh-cuimhne a dhùnadh don t-sluagh ann an 1975 mar thoradh air crìonadh agus a dh'aindeoin oidhirpean gus an togalach ath-nuadhachadh, tha e fhathast dùinte. Thathar a-nis air na clàran umha a chur air clachan de chloich-gràin taobh a-muigh an togalaich agus thathar air àite-suidhe a chruthachadh