Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An t-seann drochaid anns An Dòrnaidh
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_01_007A_0201
ÀITE
An Dòrnaidh
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Cinn Tàile
DEIT
An t-Sultain 1967
LINN
1960an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
13629
KEYWORDS
drochaid
loch
baile
Old bridge at Dornie

Chaidh Drochaid an Dòrnaidh, a tha suidhichte far a bheil Loch Dubhthaich, Loch Aillse agus Loch Long a' coinneachadh, fhosgladh gu h-oifigeil air Dimàirt 30 An Giblean 1940 an àite aiseag a bha eadar An Dòrnaidh agus Àrd Eilbh.
Nuair a chaidh am pròiseact a mholadh aig deireadh nan 1920an, bha an coimhearsnachd ionadail air a sgaradh eadar iadsan a bha a' coimhead air an drochaid gu deimhinneach ann a bhith a' dèanamh an t-slighe gu Caol Loch Aillse agus An t-Eilean Sgitheanach a dhèanamh nas ruigsinniche, agus iadsan a bha a' faireachdainn gum milleadh an drochaid na seallaidhean mun cuairt air Caisteal Eilean Donain agus leis am b' fheàrr rathad ùr, a bhiodh a' leantainn Loch Long agus a' ceangal suas leis an rathad a dh'Inbhir Nis.

Bha 750 troigh de dh'fhad san structair fhèin, le slighe rathaid de 16½ troigh, agus slighe coiseachd de 5 troighean. Bha e air a chumail suas le 15 spangan concrait neartaichte, le slighe uisge saor de 40 troigh. Thàinig cìsean gu bith air 1 Cèitean 1940, ach chaidh an leigeil seachad ann an 1946. Chaidh drochaid dà-fhillte mòran nas motha a chur an àite na drochaid seo ann an 1991

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An t-seann drochaid anns An Dòrnaidh

ROS: Cinn Tàile

1960an

drochaid; loch; baile

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept

Chaidh Drochaid an Dòrnaidh, a tha suidhichte far a bheil Loch Dubhthaich, Loch Aillse agus Loch Long a' coinneachadh, fhosgladh gu h-oifigeil air Dimàirt 30 An Giblean 1940 an àite aiseag a bha eadar An Dòrnaidh agus Àrd Eilbh.<br /> Nuair a chaidh am pròiseact a mholadh aig deireadh nan 1920an, bha an coimhearsnachd ionadail air a sgaradh eadar iadsan a bha a' coimhead air an drochaid gu deimhinneach ann a bhith a' dèanamh an t-slighe gu Caol Loch Aillse agus An t-Eilean Sgitheanach a dhèanamh nas ruigsinniche, agus iadsan a bha a' faireachdainn gum milleadh an drochaid na seallaidhean mun cuairt air Caisteal Eilean Donain agus leis am b' fheàrr rathad ùr, a bhiodh a' leantainn Loch Long agus a' ceangal suas leis an rathad a dh'Inbhir Nis.<br /> <br /> Bha 750 troigh de dh'fhad san structair fhèin, le slighe rathaid de 16½ troigh, agus slighe coiseachd de 5 troighean. Bha e air a chumail suas le 15 spangan concrait neartaichte, le slighe uisge saor de 40 troigh. Thàinig cìsean gu bith air 1 Cèitean 1940, ach chaidh an leigeil seachad ann an 1946. Chaidh drochaid dà-fhillte mòran nas motha a chur an àite na drochaid seo ann an 1991