Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caol Loch Aillse
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_01_017F_0321
ÀITE
Caol Loch Aillse
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
DEIT
1969
LINN
1960an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
13652
KEYWORDS
rathad
baile
taigh-òsta
bùthan
Kyle of Lochalsh

Tha a' Phrìomh Shràid ann an Caol Loch Aillse fhathast na mheadhan a' bhaile, agus chithear i an seo a' coimhead a-steach dhan tìr bhon cheann as fhaisge air a' chidhe a bha a' frithealadh an aiseag dhan eilean Sgitheanach. Ann an mìosan trang an t-samhraidh nuair a bha trafaig na h-aiseig aig an ìre bu thrainge, bha carbadan gu riaghailteach a' ciudhadh airson uairean a thìde suas an t-sràid a' feitheamh ri faighinn a-null dhan Eilean Sgitheanach. Stad na seòlaidhean nuair a dh'fhosgail Drochaid an Eilein Sgitheanaich an 16 An Dàmhair 1995, agus chan eil na cùisean trafaig sin nan trioblaid tuilleadh.

B' e togalach iarann preasach a bh' ann an Stòr a' Phioneer aig aon àm agus tha seo air a shealltainn le na h-uinneagan mullaich. B' ann le Alasdair MacRath, ris an canaist am Pioneer, no Pie, a bha e. Bha e a' fuireach ann am Port an t-Sròim airson greis, ach ghluais e dhan Chaol nuair a chaidh an rèile a' leudachadh aig deireadh na naoidheamh linn deug, an dèidh dha a thuigsinn an leasachadh a thachradh sa bhaile. Tha Taigh-òsta A' Chaoil, a chaidh a stèidheahadh ann an 1701 agus aon de na togalaichean as aosta sa bhaile, suidhichte air an làimh dheis.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caol Loch Aillse

ROS: Loch Aillse

1960an

rathad; baile; taigh-òsta; bùthan

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept

Tha a' Phrìomh Shràid ann an Caol Loch Aillse fhathast na mheadhan a' bhaile, agus chithear i an seo a' coimhead a-steach dhan tìr bhon cheann as fhaisge air a' chidhe a bha a' frithealadh an aiseag dhan eilean Sgitheanach. Ann an mìosan trang an t-samhraidh nuair a bha trafaig na h-aiseig aig an ìre bu thrainge, bha carbadan gu riaghailteach a' ciudhadh airson uairean a thìde suas an t-sràid a' feitheamh ri faighinn a-null dhan Eilean Sgitheanach. Stad na seòlaidhean nuair a dh'fhosgail Drochaid an Eilein Sgitheanaich an 16 An Dàmhair 1995, agus chan eil na cùisean trafaig sin nan trioblaid tuilleadh.<br /> <br /> B' e togalach iarann preasach a bh' ann an Stòr a' Phioneer aig aon àm agus tha seo air a shealltainn le na h-uinneagan mullaich. B' ann le Alasdair MacRath, ris an canaist am Pioneer, no Pie, a bha e. Bha e a' fuireach ann am Port an t-Sròim airson greis, ach ghluais e dhan Chaol nuair a chaidh an rèile a' leudachadh aig deireadh na naoidheamh linn deug, an dèidh dha a thuigsinn an leasachadh a thachradh sa bhaile. Tha Taigh-òsta A' Chaoil, a chaidh a stèidheahadh ann an 1701 agus aon de na togalaichean as aosta sa bhaile, suidhichte air an làimh dheis.