Ùrachadh mu Dheireadh 26/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dùn Chàrlabhaigh
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_01_029_0756
ÀITE
Càrlabhagh
SGÌRE
Leòdhas
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Ùig
LINN
1970an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
13689
KEYWORDS
dùin
arceòlas
togalaichean
Dun Carloway

'S e Dùn Chàrlabhaigh ann an eilean Leòdhais fear de na dùin as fheàrr a tha air fhàgail. Tha e air cnoc a' coimhead thar Loch Ròdhaig is tobhtaichean thaighean-tughaidh. Is dòcha gun deach a thogail le clachan on dùn.

Thathar den bheachd gun deach Dùn Chàrlabhaigh a thogail mu 200 BC. Bha taighean neo-adhartach is sprèidh mu thimcheall air, is bhiodh e air a chleachdadh mar turaid-faire. Tha am pàirt as àirde a tha fhathast na sheasamh 6.7m (22 throigh). Tha an crann-tarsainn gu lèir 14.3m (47 troigh), is tha an lios a-staigh 7.5m (24 troigh), le dà sheòmar eile ceangailte ris. An toiseach, 's dòcha gun robh na ballachan mu 13m (43 troigh) a dh'àirde. Tha am balla dùbailte ann an deagh staid fhathast, is chithear mar a bha làir eadar-dhealaichte ceangailte le staidhre chloiche eadar an dà bhalla.

Bha mòran iomraidh air Dùn Chàrlabhaigh ann an aithisgean mu dhùin sna h-Eileanan Siar aig deireadh an 19mh linn, is b' e fear den chiad sheann charraighean ann an Alba a bha an urra ris an stàit. Bha pàirt mhòr den bhalla air a thoirt air falbh roimhe seo, 's dòcha airson na taighean-tughaidh a thogail. Tha e an urra ri Alba Eachdraidheil an-diugh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dùn Chàrlabhaigh

ROS: Ùig

1970an

dùin; arceòlas; togalaichean

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept

'S e Dùn Chàrlabhaigh ann an eilean Leòdhais fear de na dùin as fheàrr a tha air fhàgail. Tha e air cnoc a' coimhead thar Loch Ròdhaig is tobhtaichean thaighean-tughaidh. Is dòcha gun deach a thogail le clachan on dùn.<br /> <br /> Thathar den bheachd gun deach Dùn Chàrlabhaigh a thogail mu 200 BC. Bha taighean neo-adhartach is sprèidh mu thimcheall air, is bhiodh e air a chleachdadh mar turaid-faire. Tha am pàirt as àirde a tha fhathast na sheasamh 6.7m (22 throigh). Tha an crann-tarsainn gu lèir 14.3m (47 troigh), is tha an lios a-staigh 7.5m (24 troigh), le dà sheòmar eile ceangailte ris. An toiseach, 's dòcha gun robh na ballachan mu 13m (43 troigh) a dh'àirde. Tha am balla dùbailte ann an deagh staid fhathast, is chithear mar a bha làir eadar-dhealaichte ceangailte le staidhre chloiche eadar an dà bhalla.<br /> <br /> Bha mòran iomraidh air Dùn Chàrlabhaigh ann an aithisgean mu dhùin sna h-Eileanan Siar aig deireadh an 19mh linn, is b' e fear den chiad sheann charraighean ann an Alba a bha an urra ris an stàit. Bha pàirt mhòr den bhalla air a thoirt air falbh roimhe seo, 's dòcha airson na taighean-tughaidh a thogail. Tha e an urra ri Alba Eachdraidheil an-diugh