Ùrachadh mu Dheireadh 08/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
'Letter from Reachfar' (2)
EXTERNAL ID
AB_LL_JANE_DUNCAN_04
ÀITE
An Ardach
SGÌRE
A' Chananaich
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Ruigh Sholais
DEIT
2008
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Jane Duncan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
1370
KEYWORDS
claistinneach
cruthan-tìre litreachais

Get Adobe Flash player

Tha a' chuibhreann chlaistinneach seo o 'Letter from Reachfar' le Seonag Dhonnchaidh, foillsichte ann an 1975. Tha e air a leughadh an seo le sgoilear o Acadamaidh na Cananaich.

'About a mile from our post office which is also the village shop, there is a large, rather beautiful old house called Poyntzfield. This is an extraordinary name for a Highland house and it is said to have originated in this way. In the eighteenth century, the house and estate were called Ardoch, a much more likely name for this part of the country, and Ardoch was inherited by that not unusual creature in Scottish social history, a penniless lad wi' a lang pedigree who, like many more of his kind, went south to find himself a wealthy bride.'

Rugadh Ealasaid Seonag Chamshroin an 10mh Màirt 1910 ann an Renton, Siorrachd Dhùin Bhreatainn, nighean chonstabail poileis, Donnchadh Camshron. 'S e Seonaidh (Seasaidh) Sandison a bh' air a màthair. O ainmean a dithis phàrant chuir i ri chèile a dà far-ainm sgrìobhaidh, Seonag Dhonnchaidh agus Seònaid Sandison.

Chaidh a' chuid a bu mhotha de a leanabachd a chur seachad air croit a seanpharantan, 'The Colony' (an 'Reachfar' na nobhailean), air an Eilean Dubh. Chaidh i gu Oilthigh Ghlaschu agus rinn i obair ann an Aonad Fiosrachaidh Dhealbhan-camara san Dàrna Cogadh. Thàinig beatha shocair sa Charibìan gu deireadh nuair a bhàsaich an duine aice, agus aig aois 47, thàinig oirre sgrìobhadh ach am pàigheadh i na cunntasan meadaigeach aige agus airson a beò-shlaint'.

Chaidh a' chiad nobhail aig Seonag, 'My friend Muriel', fhoillseachadh ann an 1959, agus lean iomadh nobhail eile, nam measg ochd-deug gu lèir san t-sreath 'My friend'. Sgrìobh i cuideachd do chlainn san t-sreath na 'Camerons', agus, aig fìor-deireadh a beatha, cho-obraich i còmhla ri tè nan dealbhan, Màiri Hedderwick air 'Herself and Janet Reachfar' agus 'Janet Reachfar and the Kelpie'. Chaidh Màiri Hedderwick air adhart a' sgrìobhadh dhi-fhèin air Katie Morag.

Bhàsaich Seonag Dhonnchaidh am 20mh Dàmhair 1976 agus tha i air a tìodhlacadh ann an cladh Chille Mhìcheil air an Eilean Dubh.

Thèid ath-dheasachadh ùr de 'My Friends the Miss Boyds' a chur air bhog am bliadhna as t-samhradh (2010) agus bidh sin a' co-thachairt leis an t-sùbhachas a thathar a' cur air dòigh air an Eilean Dubh airson Cuimhneachan Jane Duncan nan ceud bliadhna a chomharrachadh. Faic an ceangal shìos fodha airson barrachd fiosrachaidh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

'Letter from Reachfar' (2)

ROS: Ruigh Sholais

2000an

claistinneach; cruthan-tìre litreachais

Am Baile

Literary Landscapes: Jane Duncan