Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Leòdhais, Steòrnabhagh
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_01_029_0775
ÀITE
Steòrnabhagh
SGÌRE
Leòdhas
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Steòrnabhagh
LINN
1960an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
13700
KEYWORDS
bailtean
eileanan
foghlam
togalaichean
caistealan
taighean
Lews Castle, Stornoway

Chaidh Caisteal Leòdhais ann an Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais, a thogail do Shir Seumas MacMhathain ann an 1848 leis an ailtire Teàrlach MacUilleim (Wilson) à Glaschu. Chaidh an grianan-glainne aon-lobhtach a chur ris mu 1875. Ann an gàrraidhean an taighe chaidh mìle cheàrnagach de chraobhan seargach a chur, rud nach fhaicear an àite sam bith eile air na h-Eileanan A-muigh.

Chaidh an caisteal agus an oighreachd a cheannach leis a' Mhorair Leverhulme ann an 1918. Thug e an caisteal do mhuinntir Steòrnabhaigh mar thiodhlac ann an 1923. Chaidh an caisteal a chleachdadh mar àite-fuirich airson criutha an 700mh Naval Air Squadron rè an Dàrna Cogaidh agus anns na 1950an, chaidh a chleachdadh mar àite-fuirich airson oileanaich Colaisde a' Chaisteil. Tha an togalach a-nis le Comhairle nan Eilean Siar agus tha e na thogalach clàraichte aig ìre A

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Leòdhais, Steòrnabhagh

ROS: Steòrnabhagh

1960an

bailtean; eileanan; foghlam; togalaichean; caistealan; taighean

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept

Chaidh Caisteal Leòdhais ann an Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais, a thogail do Shir Seumas MacMhathain ann an 1848 leis an ailtire Teàrlach MacUilleim (Wilson) à Glaschu. Chaidh an grianan-glainne aon-lobhtach a chur ris mu 1875. Ann an gàrraidhean an taighe chaidh mìle cheàrnagach de chraobhan seargach a chur, rud nach fhaicear an àite sam bith eile air na h-Eileanan A-muigh. <br /> <br /> Chaidh an caisteal agus an oighreachd a cheannach leis a' Mhorair Leverhulme ann an 1918. Thug e an caisteal do mhuinntir Steòrnabhaigh mar thiodhlac ann an 1923. Chaidh an caisteal a chleachdadh mar àite-fuirich airson criutha an 700mh Naval Air Squadron rè an Dàrna Cogaidh agus anns na 1950an, chaidh a chleachdadh mar àite-fuirich airson oileanaich Colaisde a' Chaisteil. Tha an togalach a-nis le Comhairle nan Eilean Siar agus tha e na thogalach clàraichte aig ìre A