- TIOTAL
- Steòrnabhagh
- EXTERNAL ID
- HC_PLANNING_01_030_0778
- ÀITE
- Steòrnabhagh
- SGÌRE
- Leòdhas
- SIORRACHD/PARRAIST
- ROS: Steòrnabhagh
- LINN
- 1970an
- CRUTHADAIR
- T. Kenneth MacKenzie
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 13703
- KEYWORDS
- bailtean
eileanan
ionadan
calachan
foghlam
ealain
cultar

Tha an t-ainm Steòrnabhagh a' tighinn bhon Lochlannais airson 'Steering Bay'. Is e Steòrnabhagh am prìomh bhaile ann an Eilean Leòdhais. Dh'fhàs Steòrnabhagh timcheall air an acarsaid nàdarra, far an robh còrr is 1,000 bàta stèidhichte nuair a bha sgadan pailt anns na 1800an. Is e fear de na h-acarsaidean nàdarra as fheàrr sna h-eileanan siar. Tha bàtaichean iasgaich ann an Steòrnabhagh fhathast agus is e Steòrnabhagh am port airson na h-aiseig gu tìr-mòr. Tha port-adhair beag ann air iomall a' bhaile cuideachd far a bheil seirbheisean làitheil ann gu tìr-mòr agus do dh'eileanan eile. Tha grunn bhùithtean agus goireasan spòrs suidhichte ann an Steòrnabhagh cho math ri campus nursaidh Oilthigh Shruighlea agus Colaisde a' Chaisteil, a tha na phàirt de dh'Institiùd OGE nam Mìle Bliadhna. Thèid Fèis Ceilteach Innse Ghall a chumail ann gach bliadhna ann an gàrraidhean Colaisde a' Chaisteil agus bidh còrr is 10,000 duine a' tighinn don eilean air a shon. Tha an t-ionad ealain An Lanntair cuideachd stèidhichte ann an Steòrnaghabh far a bheil coimhearsnachd ealain bheòthail is chruthachail