Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Crois Cheilteach, Teampall Mo Luaidh
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_01_031_0802
ÀITE
Eòropaidh
SGÌRE
Leòdhas
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Barbhas
LINN
1970an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
13708
KEYWORDS
eaglaisean
togalaichean
carraighean-cuimhne
cuimhneachain
An Cogadh Mòr
An Dàrna Cogadh
Celtic Cross at St Moluag's Church

Tha a' chrois Cheilteach taobh a-muigh Teampall MoLuaidh ann an Eilean Leòdhais na chuimhneachan-cogaidh air na daoine a chaill am beatha anns a' Chogadh Mhòr.

Tha Teampall MoLuaidh suidhichte ann am baile Eòrapaidh ann an ceann a tuath Leòdhais. Chaidh an eaglais ainmeachadh air an naomh Èireannach às an t-6mh linn a bha beò aig an aon àm ri Calum Chille. Tha an togalach ann an cruth T agus tha ceabal beag air gach taobh den phrìomh thogalach. B' e àite-taisgealachd a bh' ann do dhaoine a bha a' sireadh slànachadh. A chionn 's nach robh doras a-steach gu fear de na caibealan bho thaobh a-staigh na h-eaglaise, thathar den bheachd gur dòcha gun robh e ann airson daoine air an robh tinneasan leithid luibhre gus am b' urrainn dhaibh na searmonan a chluinntinn gun a bhith a' dol a-steach don choithional fhèin. Anns an 19mh linn bha an togalach air a dhol a dholaidh ach chaidh ath-nuadhachadh ann an 1912. Tha i a-nis le Eaglais Easbaigeach na h-Alba

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Crois Cheilteach, Teampall Mo Luaidh

ROS: Barbhas

1970an

eaglaisean; togalaichean; carraighean-cuimhne; cuimhneachain; An Cogadh Mòr; An Dàrna Cogadh

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept

Tha a' chrois Cheilteach taobh a-muigh Teampall MoLuaidh ann an Eilean Leòdhais na chuimhneachan-cogaidh air na daoine a chaill am beatha anns a' Chogadh Mhòr. <br /> <br /> Tha Teampall MoLuaidh suidhichte ann am baile Eòrapaidh ann an ceann a tuath Leòdhais. Chaidh an eaglais ainmeachadh air an naomh Èireannach às an t-6mh linn a bha beò aig an aon àm ri Calum Chille. Tha an togalach ann an cruth T agus tha ceabal beag air gach taobh den phrìomh thogalach. B' e àite-taisgealachd a bh' ann do dhaoine a bha a' sireadh slànachadh. A chionn 's nach robh doras a-steach gu fear de na caibealan bho thaobh a-staigh na h-eaglaise, thathar den bheachd gur dòcha gun robh e ann airson daoine air an robh tinneasan leithid luibhre gus am b' urrainn dhaibh na searmonan a chluinntinn gun a bhith a' dol a-steach don choithional fhèin. Anns an 19mh linn bha an togalach air a dhol a dholaidh ach chaidh ath-nuadhachadh ann an 1912. Tha i a-nis le Eaglais Easbaigeach na h-Alba