Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
West Highland Salmon Fisheries Co. - Portree Station Record, 1957

Tha an sgrìobhainn seo o Chompanaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar ann am Port Rìgh san Eilean Sgitheanach a' clàrachadh na chaidh a ghlacadh de dh'èisg aig stèisean iasgaich Phort Rìgh ann an seusan 1957. B' ann on Chèitean gu ruig an Lùnastal a bha seusan an iasgaich a' dol, agus bha cuid luchd-obrach air am fastadh ro thoiseach an t-seusain agus às a dhèidh a bhiodh a' coimhead às deidh na h-uidheim agus nam bàtaichean.

Tha an clàrachadh seo a' briseadh sìos nam figearan gus an seall e an àireamh de bhradan, bànag (bradan a' tilleadh gu fìor-uisge às dèidh aon gheamhradh aig muir) agus breac a chaidh a ghlacadh. Mar bu trice bha còig lìn fa leth aig stèisean Phort Rìgh, ach fad ghrunn bhliadhnachan, nam measg 1957, bha seachd lìn aca. Uaireannan gheibheadh na lìn ainm cruth-tìre faisg air làimh: "Prince Charlie's Cave (Uamh Theàrlaich)", "Rubh' Beag", "Faing nan Caorach ( Sheep Fank)", no "Camas Bàn", 's chan e dìreach àireamh.

Tha mearachd ann an cur-ris a' chlàir seo, le 100 na bu lugha èisg glacte ann am mìos an Iuchair na am figear a tha clàraichte. Ach leis an àireamh cheart gu lèir ann de 1,631, 'b i fhathast a' bhliadhna a b' fheàrr a bh' aig a' chompanaidh fhad 's a bha iad a' ruith an stèisein. Bho na clàran a th' ann, b' ann ann an 1957 a bha an glacadh a bu mhotha agus ann an 1947 an glacadh a bu lugha.

West Highland Salmon Fisheries Co Ltd (Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar Earr.)
Ann an 1944 cheannaich Seumas Banks & Mic, Peairt, màl iasgaich a' bhradain aig Oighreachd Chille Mhoire san Eilean Sgitheanach, bho A Powrie & Co, agus chuir e air bhonn a' West Highland Salmon Fisheries Co Ltd' (Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar Earr.) gus am màl obrachadh. Chùm an companaidh a' dol gu ruig 1962 nuair a chaidh a reic gu Coinneach MacMhathain, Port Rìgh.

Nuair a ghabh Banks & Mic thairis am màl bha stèiseanan iasgaich ann an Leathallt, Rigg (Boraraig), Stafainn, Port Rìgh, Camas Tianabhaig, Bail' Meadhanach agus Caisteal Bhròchaill (ann an Ratharsair). Ann an 1956 chaidh Bail' Meadhanach agus Camas Tianabhaig a chur còmhla mar stèisean a' Bhràighe, le triùir ag obair ann, ged a bhiodh ceathrar ag obair mar bu trice sna stèiseanan eile. Bhiodh an companaidh a' cumail mu 28 duine ann an obair gach bliadhna, agus an obair ga thairgse dhan aon fheadhainn gach bliadhna mus fheuchadh an companaidh ri daoine ùra fhastadh.

Bhiodh an seusan a' tòiseachadh fada sa Ghiblean/ tràth sa Chèitean agus a' dol gu deireadh an Lùnastail. Bhiodh grùnn fhireannaich cuideachd gam fastadh ann am mìosan a' gheamhraidh ach an toireadh iad deigh a nìos o dhama an t-Slugain gu bhith air a stòradh san taigh-deighe aig cidhe Phort Rìgh. Bhiodh gach ball den sgioba a' faighinn cùmhnant le fios air tuarastal, sgeama airgid a-bharrachd a bha san amharc agus uairean obrach agus chaidh oilisgin agus bòtannan rubair a thoirt dha.

Chaidh an t-iasg glacte a roinn ann am bradan, bànag agus breac, agus àireamh nam bànag a bu mhotha. Gach bliadhna ghlacadh iad mu 3000 iasg uile-gu-lèir fada sna 1940an agus tràth sna 1950an. Ann an 1957 chaidh an àireamh a bu mhotha a-riamh a ghlacadh - faisg air 10,000 iasg.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar - Clàrachadh Stèisean Phort Rìgh, 1957

1950an

West Highland Salmon Fisheries; iasgach a' bhradain mara; bradan; gnìomhachas a' bhradain; bàtaichean iasgaich; iasgach a' bhric; breac; iasgach le lìon

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

David Banks: West Highland Salmon Fisheries Co Ltd (documents)