Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sràid a' Chladaich, A' Chomraich
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_01_037_0940
ÀITE
A' Chomraich
SGÌRE
Loch Carrann
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: A' Chomraich
LINN
1970an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
13724
KEYWORDS
baile
oirthir
Shore Street, Applecross

Tha Sràid a' Chladaich sa Chomraich air a deagh ainmeachadh oir tha uisgeachan a' Chaolais a-staigh a' suathadh a' bhalla ri taobh an rathaid. Ann an cùl an deilbh chithear tuineachadh beag Chuarg thar Bàgh na Comraich, agus tha seallaidhean àlainn aig na taighean san dealbh a-null gu Ratharsair chun an iar. Air an taobh eile tha an rathad singilte a' dol tro Bhaile Mhuilinn agus a' leantainn an oirthir de dh'òban fasgach agus rubhachan creagach, tro choimhearsnachdan croitearachd agus iasgach gu Toghsgaig aig ceann a deas leth-eilean na Comraich far am faicear an t-Eilean Sgitheanach thar a' Chaolais. Cha robh dòigh a-steach don sgìre fad linntean ach ann am bàta gus an deach rathad a thogail thar Bealach na Bà à Ciseorn. Bha an dìreadh cas gu 2053 troigh/625m a' ciallachadh nach robh e furasta faighinn thairis ann an droch shìde agus b' ann sna 1970an a chaidh rathad eile a thogail gu Sìldeag, tuath air a' Chomraich, a chaidh an sgìre fhosgladh barrachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sràid a' Chladaich, A' Chomraich

ROS: A' Chomraich

1970an

baile; oirthir

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept