Ùrachadh mu Dheireadh 21/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cidhe Chaol Loch Aillse
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_01_038_0970
ÀITE
Caol Loch Aillse
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1960an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
13726
KEYWORDS
stèisean rèile
cidhe
trèana luchd
Kyle of Lochalsh pier

Tha aghaidh togalaichean an stèisein ann an Caol Loch Aillse air am falach air cùlaibh stoc gluasadach agus tha crann-togail aig ceann a' chidhe deiseil gus bathar a ghluasad bhon trèana dhan bhàta. Chaidh an rèile a leudachadh à Port an t-Sròim dhan Chaol ann an 1897, an dèidh dha obair einnseanaireachd doirbh a bhith dèanta. Dh'atharraich seo am baile iomallach ann am beagan bhliadhnachan gu port agus ceann-uidhe rèile trang, le bàtaichean-smùide a' tighinn chun chidhe a' giùlan post, luchd agus luchd-siiubhail, mòran dhiubh nan luchd-turaius.

Dh'fhaodadh gur e crainn taic airson cidhe a bhathas a' dèanamh nas motha a bha a' frithealadh nan aiseagan a bha a' dol a-null dhan Eilean Sgitheanach a th' anns na teannadairean ri aghaidh an deilbh, Mar a bha na rathaidean air Ghàidhealtachd air an leasachadh agus a bha an càr fhèin aig barrachd dhaoine, chaidh an trafaig charbadan a bha a' cleachdadh na h-aiseig suas. An ceann ùine bha seirbheis ceithei uairean fichead ann ach stad na seòlaidhean nuair a dh' fhosgail Drochaid an Eilein Sgitheanaich air 16 An Dàmhair 1995, agus tha an cidhe a bha uaireigin air a' chleachdadh leis a' chàr, an-diugh a' toirt goireasan cur air bhog dha bàtaichean chur-seachadan agus bàtaichean-grunnachaidh bathair.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cidhe Chaol Loch Aillse

ROS: Loch Aillse

1960an

stèisean rèile; cidhe; trèana luchd

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept

Tha aghaidh togalaichean an stèisein ann an Caol Loch Aillse air am falach air cùlaibh stoc gluasadach agus tha crann-togail aig ceann a' chidhe deiseil gus bathar a ghluasad bhon trèana dhan bhàta. Chaidh an rèile a leudachadh à Port an t-Sròim dhan Chaol ann an 1897, an dèidh dha obair einnseanaireachd doirbh a bhith dèanta. Dh'atharraich seo am baile iomallach ann am beagan bhliadhnachan gu port agus ceann-uidhe rèile trang, le bàtaichean-smùide a' tighinn chun chidhe a' giùlan post, luchd agus luchd-siiubhail, mòran dhiubh nan luchd-turaius.<br /> <br /> Dh'fhaodadh gur e crainn taic airson cidhe a bhathas a' dèanamh nas motha a bha a' frithealadh nan aiseagan a bha a' dol a-null dhan Eilean Sgitheanach a th' anns na teannadairean ri aghaidh an deilbh, Mar a bha na rathaidean air Ghàidhealtachd air an leasachadh agus a bha an càr fhèin aig barrachd dhaoine, chaidh an trafaig charbadan a bha a' cleachdadh na h-aiseig suas. An ceann ùine bha seirbheis ceithei uairean fichead ann ach stad na seòlaidhean nuair a dh' fhosgail Drochaid an Eilein Sgitheanaich air 16 An Dàmhair 1995, agus tha an cidhe a bha uaireigin air a' chleachdadh leis a' chàr, an-diugh a' toirt goireasan cur air bhog dha bàtaichean chur-seachadan agus bàtaichean-grunnachaidh bathair.