Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Stèisean Rèile Caol Loch Aillse
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_01_038_0972
ÀITE
Caol Loch Aillse
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1960an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
13727
KEYWORDS
stèisean
frith-loidhne
àrd-chabhsairean
còmhdhail
Kyle of Lochalsh Railway Station

Gle theic air a mheasadh mar aon de na turais rèile as bòidhche seallaidh ann am Breatainn, thug an t-slighe eadar Inbhir Nis agus Ibhir Pheofharain agus an oirthir an iar iomadh bliadhna gus an deach a chrìochnachadh, gu h-àraidh na beagan mhìltean mu dheireadh à Port an t-Sròim dhan Chaol a bha a' gabhail a-steach obair einnseanaireachd a bha glè dhoirbh. Cha deach an ceann-uidhe sa Chaol fhosgladh gu 1897. Dh'fhàg an obair einnseanaireachd air a' phìos mu dheireadh de loidhne A' Chaoil gum b' e an rèile bu daoire aig an àm, le 31 gearradh tro chreag agus 29 drochaidean air an togail air an earrann seo a-mhàin, agus chaidh an stèisean, an gàrradh bathair, na frith-loidhnichean agus na seadaichean einnsean sa Chaol, uile an spreadhadh à creag.

Tha bus gu Gleann Eilg a' feitheamh air an rathad chun an stèisean faisg air an àrd-chabhsair. Anns na bliadhnaichean roimhe seo bhathas a' cleachdadh bàta motair bho chidhe a' Chaoil gus an turas sia mìle aig muir gu Gleann Eilg a dhèanamh agus bha seo tòrr na bu luaithe na an trithead mìle air an rathad.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Stèisean Rèile Caol Loch Aillse

ROS: Loch Aillse

1960an

stèisean; frith-loidhne; àrd-chabhsairean; còmhdhail

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept

Gle theic air a mheasadh mar aon de na turais rèile as bòidhche seallaidh ann am Breatainn, thug an t-slighe eadar Inbhir Nis agus Ibhir Pheofharain agus an oirthir an iar iomadh bliadhna gus an deach a chrìochnachadh, gu h-àraidh na beagan mhìltean mu dheireadh à Port an t-Sròim dhan Chaol a bha a' gabhail a-steach obair einnseanaireachd a bha glè dhoirbh. Cha deach an ceann-uidhe sa Chaol fhosgladh gu 1897. Dh'fhàg an obair einnseanaireachd air a' phìos mu dheireadh de loidhne A' Chaoil gum b' e an rèile bu daoire aig an àm, le 31 gearradh tro chreag agus 29 drochaidean air an togail air an earrann seo a-mhàin, agus chaidh an stèisean, an gàrradh bathair, na frith-loidhnichean agus na seadaichean einnsean sa Chaol, uile an spreadhadh à creag.<br /> <br /> Tha bus gu Gleann Eilg a' feitheamh air an rathad chun an stèisean faisg air an àrd-chabhsair. Anns na bliadhnaichean roimhe seo bhathas a' cleachdadh bàta motair bho chidhe a' Chaoil gus an turas sia mìle aig muir gu Gleann Eilg a dhèanamh agus bha seo tòrr na bu luaithe na an trithead mìle air an rathad.