Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Stèisean agus Cidhe Chaol Loch Aillse
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_01_038_0978
ÀITE
Caol Loch Aillse
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1960an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
13729
KEYWORDS
stèisean rèile
trèana luchd
còmhdhail
ceann a' chidhe
Kyle of Lochalsh Station and Pier

Chaidh ceann-uidhe an rèile fhosgladh ann an Caol Loch Aillse ann an 1897, agus bha an cidhe agus an stèisean ri taobh a chèile a' ciallachadh gun robh e daonnan trang. Dh'fhàg an obair einnseanaireachd air a' phìos mu dheireadh de loidhne A' Chaoil gum b' e an rèile bu daoire aig an àm, le 31 gearradh tro chreag agus 29 drochaidean air an togail air an earrann seo a-mhàin, agus dh'fheumaist an talamh airson an stèisean, an gàrradh bathair, na frith-loidhnichean agus na seadaichean einnsean sa Chaol, uile an spreadhadh à creag. Chaidh an stèisean fhèin a dhealbhachadh le Murchadh MacPhàdraig agus thathas ga ruighinn bhon bhaile air rathad fada air rampaichean

Bha an cidhe cuideachd air a chleachdadh le bàtaichean-iasgaich agus bha e na stad riaghailteach airson bàtaichean-smùide air slighe a' chosta an iar à Glaschu chun na h-Eileanan an Iar a bha a' giùlan luchd, litrichean agus luchd-siubhail. Aig àm an Dàrna Cogaidh bha e air a chleachdadh leis na seirbheisean armailteach airson a bhith a' gluasad uidheam-gunnaireachd agus luchd-seirbheis. Bha uisge domhainn a dh'fheumaist airson soithichean ann an Loch Aillse, agus bha an rèile ga dhèanamh furasta ruighinn air a' chòrr den dùthaich.

Chithear baile Chaol Àcainn san Eilean Sgitheanach ann an cùl an deilbh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Stèisean agus Cidhe Chaol Loch Aillse

ROS: Loch Aillse

1960an

stèisean rèile; trèana luchd; còmhdhail; ceann a' chidhe

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept

Chaidh ceann-uidhe an rèile fhosgladh ann an Caol Loch Aillse ann an 1897, agus bha an cidhe agus an stèisean ri taobh a chèile a' ciallachadh gun robh e daonnan trang. Dh'fhàg an obair einnseanaireachd air a' phìos mu dheireadh de loidhne A' Chaoil gum b' e an rèile bu daoire aig an àm, le 31 gearradh tro chreag agus 29 drochaidean air an togail air an earrann seo a-mhàin, agus dh'fheumaist an talamh airson an stèisean, an gàrradh bathair, na frith-loidhnichean agus na seadaichean einnsean sa Chaol, uile an spreadhadh à creag. Chaidh an stèisean fhèin a dhealbhachadh le Murchadh MacPhàdraig agus thathas ga ruighinn bhon bhaile air rathad fada air rampaichean<br /> <br /> Bha an cidhe cuideachd air a chleachdadh le bàtaichean-iasgaich agus bha e na stad riaghailteach airson bàtaichean-smùide air slighe a' chosta an iar à Glaschu chun na h-Eileanan an Iar a bha a' giùlan luchd, litrichean agus luchd-siubhail. Aig àm an Dàrna Cogaidh bha e air a chleachdadh leis na seirbheisean armailteach airson a bhith a' gluasad uidheam-gunnaireachd agus luchd-seirbheis. Bha uisge domhainn a dh'fheumaist airson soithichean ann an Loch Aillse, agus bha an rèile ga dhèanamh furasta ruighinn air a' chòrr den dùthaich. <br /> <br /> Chithear baile Chaol Àcainn san Eilean Sgitheanach ann an cùl an deilbh.