Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An Dòrnaidh
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_01_050_0352
ÀITE
An Dòrnaidh
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Cinn Tàile
LINN
1960an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
13763
KEYWORDS
baile
Drochaid An Dòrnaidh
taigheadas
Dornie

Tha An Dòrnaidh suidhichte aig beul Loch Long far a bheil e a' coinneachadh ri Loch Dubhthaich. Dhealbhaich Comann Iasgach Bhreatainn am baile ann an 1784 na bhaile iasgaich agus malairt. Bha am baile air an talamh aig Còirneal Francis Hutton Humberston MacChoinnich Shìophort. Chun na 1870an bha an sluagh an sàs ann an gnìomhachas an sgadain, ga reic 's ga chiùradh, ach bha ciùird eile mar thogail bhàtaichean agus dèanamh lìn-iasgaich agus bhrògan 'sa bhaile cuideachd. Mar a chrìon iasgach an sgadain, chaidh an àireamh-sluaigh sìos cuideachd, ged a mhair am baile na àite aiseig cudromach eadar Cinn Tàile agus Loch Aillse.

Ghabh an drochaid a chithear air taobh chlì an an deilbh camara àite na h-aiseig eadar Àird Eilbh agus An Dòrnaidh. Bha an drochaid ferroconcrait a' dol thairis air Loch Long bho Àird Eilbh chun An Dòrnaidh, a' gabhail àite ceangal aiseig riatanach eadar Loch Aillse agi Cinn Tàile. Chaidh an drochaid fhosgladh gu h-oifigeil air Dimàirt 30 An Giblean 1940 an dèidh bliadhnachan de dheasbad sa choimhearsnachd mun riatanas airson structar buan. Dh'fheumadh an drochaid spang fosglaidh gus dèanamh cinnteach gum maireadh Loch Long mar slighe-uisge obrachail, agus nuair a bha i deiseil bha 750 troigh de dh'fhad innte, le slighe rathaid de 16½ troigh, agus slighe coiseachd de 5 troighean. Bha e air a chumail suas le 15 spangan concrait neartaichte, le slighe uisge saor de 40 troigh. Thàinig cìsean gu bith air 1 Cèitean 1940, ach chaidh an leigeil seachad ann an 1946. Chaidh an drochaid a leagail agus ghabh structair dà fhillte nas motha a bha a' seachnadh An Dòrnaidh a h-àite ann an 1991.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An Dòrnaidh

ROS: Cinn Tàile

1960an

baile; Drochaid An Dòrnaidh; taigheadas

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept

Tha An Dòrnaidh suidhichte aig beul Loch Long far a bheil e a' coinneachadh ri Loch Dubhthaich. Dhealbhaich Comann Iasgach Bhreatainn am baile ann an 1784 na bhaile iasgaich agus malairt. Bha am baile air an talamh aig Còirneal Francis Hutton Humberston MacChoinnich Shìophort. Chun na 1870an bha an sluagh an sàs ann an gnìomhachas an sgadain, ga reic 's ga chiùradh, ach bha ciùird eile mar thogail bhàtaichean agus dèanamh lìn-iasgaich agus bhrògan 'sa bhaile cuideachd. Mar a chrìon iasgach an sgadain, chaidh an àireamh-sluaigh sìos cuideachd, ged a mhair am baile na àite aiseig cudromach eadar Cinn Tàile agus Loch Aillse. <br /> <br /> Ghabh an drochaid a chithear air taobh chlì an an deilbh camara àite na h-aiseig eadar Àird Eilbh agus An Dòrnaidh. Bha an drochaid ferroconcrait a' dol thairis air Loch Long bho Àird Eilbh chun An Dòrnaidh, a' gabhail àite ceangal aiseig riatanach eadar Loch Aillse agi Cinn Tàile. Chaidh an drochaid fhosgladh gu h-oifigeil air Dimàirt 30 An Giblean 1940 an dèidh bliadhnachan de dheasbad sa choimhearsnachd mun riatanas airson structar buan. Dh'fheumadh an drochaid spang fosglaidh gus dèanamh cinnteach gum maireadh Loch Long mar slighe-uisge obrachail, agus nuair a bha i deiseil bha 750 troigh de dh'fhad innte, le slighe rathaid de 16½ troigh, agus slighe coiseachd de 5 troighean. Bha e air a chumail suas le 15 spangan concrait neartaichte, le slighe uisge saor de 40 troigh. Thàinig cìsean gu bith air 1 Cèitean 1940, ach chaidh an leigeil seachad ann an 1946. Chaidh an drochaid a leagail agus ghabh structair dà fhillte nas motha a bha a' seachnadh An Dòrnaidh a h-àite ann an 1991.