Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar - clàrachadh an èisg ghlacte Lùnastal 1959
EXTERNAL ID
HCD_DAVIDBANKS_097
DEIT
An Lùnastal 1959
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
1379
KEYWORDS
gnìomhachas an iasgaich
iasgach a' bhradain mara
bradan
gnìomhachas a' bhradain
iasgach a' bhric
breac
iasgach le lìon
West Highland Salmon Fisheries Co. - record of fish caught, August 1959

Bhiodh Seums Banks a' cumail chlàran làmh-sgrìobhte mun iasg a chaidh a ghlacadh aig na sia stèiseanan-bhradain air an ruith à Port Rìgh le Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar. Tha an sgrìobhainn seo a' sealltainn mìneachadh air an t-seòrsa èisg glacte sna seachdainean gu 8mh agus 15mh Lùnastail 1959. A bharrachd air na clàran seo, rinn Banks iomradh sgrìobhte air an t-sìde agus air fiosrachadh freagarrach eile. A thaobh na seachdain gun 8mh Lùnastail tha e follaiseach gu robh droch shamhradh air a bhith ann: 'Another bad week. S.W. winds and rain. First break in the bad weather Saturday 8th'.

Bha an ath-sheachdain air tòiseachadh na b' fheàrr: 'Good week up until Thursday night. Dry with N. E. winds, then changed to S.E strong Force 6 to 7 went to F8S and then S.W. Terrific gales - Force 8 and heavy rain.' tha e a' cur crìoch le bhith 'g ràdh, 'Boats blown onto beach at Beaumont Crescent.' Tha Beaumont Crescent air beulaibh cala Phort Rìgh agus a' chidhe. Mar bu trice bhiodh deagh fhasgadh an seo airson nam bàtaichean a bha ceangailte sa chala. Tha fhacal mu dheireadh, 'Worst storm of this terrible summer' ag innse mun t-seusain air fad.

Tha na figearan deireannach a' sealltainn gur e fìor dhroch shamhradh a bh' ann agus na chaidh a reic gu lèir faisg air leth na chaidh a chlàrachadh a' bhliadhna roimhe.

West Highland Salmon Fisheries Co Ltd (Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar Earr.)
Ann an 1944 cheannaich Seumas Banks & Mic, Peairt, màl iasgaich a' bhradain aig Oighreachd Chille Mhoire san Eilean Sgitheanach, bho A Powrie & Co, agus chuir e air bhonn a' West Highland Salmon Fisheries Co Ltd' (Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar Earr.) gus am màl obrachadh. Chùm an companaidh a' dol gu ruig 1962 nuair a chaidh a reic gu Coinneach MacMhathain, Port Rìgh.

Nuair a ghabh Banks & Mic thairis am màl bha stèiseanan iasgaich ann an Leathallt, Rigg (Boraraig), Stafainn, Port Rìgh, Camas Tianabhaig, Bail' Meadhanach agus Caisteal Bhròchaill (ann an Ratharsair). Ann an 1956 chaidh Bail' Meadhanach agus Camas Tianabhaig a chur còmhla mar stèisean a' Bhràighe, le triùir ag obair ann, ged a bhiodh ceathrar ag obair mar bu trice sna stèiseanan eile. Bhiodh an companaidh a' cumail mu 28 duine ann an obair gach bliadhna, agus an obair ga thairgse dhan aon fheadhainn gach bliadhna mus fheuchadh an companaidh ri daoine ùra fhastadh.

Bhiodh an seusan a' tòiseachadh fada sa Ghiblean/ tràth sa Chèitean agus a' dol gu deireadh an Lùnastail. Bhiodh grùnn fhireannaich cuideachd gam fastadh ann am mìosan a' gheamhraidh ach an toireadh iad deigh a nìos o dhama an t-Slugain gu bhith air a stòradh san taigh-deighe aig cidhe Phort Rìgh. Bhiodh gach ball den sgioba a' faighinn cùmhnant le fios air tuarastal, sgeama airgid a-bharrachd a bha san amharc agus uairean obrach agus chaidh oilisgin agus bòtannan rubair a thoirt dha.

Chaidh an t-iasg glacte a roinn ann am bradan, bànag agus breac, agus àireamh nam bànag a bu mhotha. Gach bliadhna ghlacadh iad mu 3000 iasg uile-gu-lèir fada sna 1940an agus tràth sna 1950an. Ann an 1957 chaidh an àireamh a bu mhotha a-riamh a ghlacadh - faisg air 10,000 iasg.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar - clàrachadh an èisg ghlacte Lùnastal 1959

1950an

gnìomhachas an iasgaich; iasgach a' bhradain mara; bradan; gnìomhachas a' bhradain; iasgach a' bhric; breac; iasgach le lìon

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

David Banks: West Highland Salmon Fisheries Co Ltd (documents)