Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sràid a' Chalaidh, Am Ploc
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_01_063_0756
ÀITE
Am Ploc
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1970an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
13796
KEYWORDS
baile
oirthir
turasachd
Harbour Street, Plockton

'S e baile air a dhealbhadh a chaidh a chur a-mach dha Iarla Shìophort ann an 1794 a th' anns A' Phloc agus chaidh a leasachadh le Uilleam Cuimein dha ath uachdaran, Sir Ùisdean Innes ann an 1801 gus buannachd fhaighinn à shuidheachadh fasgach Loch Carrann agus gnìomhachas soibheachail an sgadain. Bha e cuideachd a' toirt dachaighean dhan luchd-gabhaltais a chaidh fhuadach à àiteachan eile air Oighreachd Loch Aillse. Chaidh an Oighreachd a cheannach anns na 1850an le Sir Alasdair MacMhathain agus chaidh Chaisteal Dhùn na Creige a thogail a' coimhead thar a' bhàigh. Air taobh eile a' bhàigh tha na togalaichean a tha a' dèanamh Sràid a' Chalaidh a' lùbadh ris a' cladach, le na craobhan pailme ri taobh an rathaid an-diugh nam feart sònraichte.

Tha suidheachadh àillidh A' Phluic a' toirt fasgadh dha bho na gnàth-ghaothan, còmhla ri buaidh Sruth a' Chuain Shiar mu Thuath a' toirt gnàth-shìde thlàth dha, agus tha am baile iasgaich seo a bha uair trang air atharrachadh gu bhith na ionad luchd-turais, a fhuair àrdachadh inbhe air sgàth grunnan phrògraman telebhisean a bha suidhichte san sgìre. Tha cuid mhath de na taighean san dealbh camara seo de Sràid a' Chalaidh an-diugh nan dachaighean saor-làithean, agus chan urrainn dha mòran theaghlaichean ionadail taighean a cheannach sa bhaile.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sràid a' Chalaidh, Am Ploc

ROS: Loch Aillse

1970an

baile; oirthir; turasachd

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept

'S e baile air a dhealbhadh a chaidh a chur a-mach dha Iarla Shìophort ann an 1794 a th' anns A' Phloc agus chaidh a leasachadh le Uilleam Cuimein dha ath uachdaran, Sir Ùisdean Innes ann an 1801 gus buannachd fhaighinn à shuidheachadh fasgach Loch Carrann agus gnìomhachas soibheachail an sgadain. Bha e cuideachd a' toirt dachaighean dhan luchd-gabhaltais a chaidh fhuadach à àiteachan eile air Oighreachd Loch Aillse. Chaidh an Oighreachd a cheannach anns na 1850an le Sir Alasdair MacMhathain agus chaidh Chaisteal Dhùn na Creige a thogail a' coimhead thar a' bhàigh. Air taobh eile a' bhàigh tha na togalaichean a tha a' dèanamh Sràid a' Chalaidh a' lùbadh ris a' cladach, le na craobhan pailme ri taobh an rathaid an-diugh nam feart sònraichte.<br /> <br /> Tha suidheachadh àillidh A' Phluic a' toirt fasgadh dha bho na gnàth-ghaothan, còmhla ri buaidh Sruth a' Chuain Shiar mu Thuath a' toirt gnàth-shìde thlàth dha, agus tha am baile iasgaich seo a bha uair trang air atharrachadh gu bhith na ionad luchd-turais, a fhuair àrdachadh inbhe air sgàth grunnan phrògraman telebhisean a bha suidhichte san sgìre. Tha cuid mhath de na taighean san dealbh camara seo de Sràid a' Chalaidh an-diugh nan dachaighean saor-làithean, agus chan urrainn dha mòran theaghlaichean ionadail taighean a cheannach sa bhaile.