Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
'Gairloch in North-West Ross-shire' (2)
EXTERNAL ID
AB_LL_JOHN_DIXON_02
ÀITE
Geàrrloch
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
DEIT
2008
LINN
2000an
CRUTHADAIR
John Dixon
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
1380
KEYWORDS
claistinneach
cruthan-tìre litreachais

Get Adobe Flash player

Tha a' chuibhreann chlaistinneach seo o 'Gairloch in North-West Ross-shire' le Iain Eanraig (John Henry) Dixon, foillsichte an toiseach ann an 1886. Tha e air a leughadh an seo le Tormod Newton. (Ìomhaigh - Cruinneachadh Prìobhaideach)

'The famous Loch Maree (with the small but romantic islet known as Isle Maree) is surrounded by the finest scenery in the parish. Their attractions bring annually some three thousand visitors to Gairloch. One might have fancied that such an influx of people would have led to the accumulation of a large and increasing stock of knowledge of this Highland parish, but as a rule the visitors are here to-day and gone to-morrow, and take no thorough interest in the country or its inhabitants. ...

There are first-rate hotels wthin the parish, and lodgings may frequently be hired, or a furnished house taken. The hotels offer the inducements of lower terms to those whose visits exceed the usually brief period.

Impressions of scenery are fixed by repetition; insight into nature is deepened by observation; and knowledge of a country is vastly more valuable if it include some acquaintance with the population, their characters, condition, and means of livelihood. Too many visitors overlook their opportunities in these directions.'

Rugadh John Henry Dixon ann an Wakefield, Yorkshire, ann an 1838 agus na dhuine òg lean e athair a-steach gu dreuchd san lagh. Na iomradh-bàis (Ross-shire Journal, 29 Dàmhair 1926) sgrìobh iad gun tàinig air 'a country life' a lorg air sgàth a shlàinte. An dèidh dha tadhal air Siorrachd Rois ann an 1868, thàinig e a dh'fhuireach ann an Geàrrloch ann an 1874, far an do chuir e seachad còig thar fhichead bliadhna. Bha an taigh aige ann an Inbhirean, an ceann a tuath Loch Ma-Ruibhe. Bha e trang an sàs ann am beatha na coimhearsnachd, na Neach-chlèire na Sgìre, neach onarach gun phàigheadh, air Comataidh na Sgìre, stèidhichte fo Achd Riaghaltais na Sgìre. Tha na paipearan-naidheachd sgìreil a' bruidhinn air mar a thug e taic do na h-ealain agus do phàrtaidhean teatha gach bliadhna do chlann na sgoile. Tha clàran chunntas-sluaigh a' sealltainn gur e duin-uasal 'living on private means' a bh' ann agus mar sin gu robh aitreabh aige le neach-taighe, nighean-frithealaidh, fear-charbad, geamair-ghille agus pìobaire pearsanta ag obair dha. Cha do phòs e riamh.

Bha Dixon na cheannard air Companaidh Gheàrrloich a' 1d V.B. Ghàidheil Shìophoirt agus ann an 1881 bha e an làthair aig Sgrùdadh ainmeil Dhùin Èidinn gus a' Bhan-Righ Bhictoria onarachadh.

Ann an 1886 dh'fhoillsich Dixon leabhar a tha fhathast air a mheas na mhodail de na bu chòir a bhith ann an eachdraidh paraiste: Gairloch: its records, traditions, inhabitants and natural history. Tha e follaiseach gur ann à rannsachadh agus à eolas farsaing na sgìre a thàinig an leabhar agus tha e gu sònraichte luachmhor san dòigh a tha e a' tarraing ri chèile iomadach fios sgìreil. Chaidh a chlo-bhualadh às-ùr san sgìre ann an 1974.

Shiubhail Dixon thall-thairis eadar 1899 is 1902 agus sa bhliadhna sin ghluais e a Bhaile Chloichrigh, far an do bhàsaich e am 20mh Dàmhair 1926. Ann an Siorrachd Pheairt cuideachd chuir e ùidh mhòr ann an eachdraidh na sgìre agus ann an comann nan Scouts. Chaidh onarachadh ann an 1924 leis an Swastika Thanks Badge cliùiteach de dh'òr agus aig àm a bhàis 's e am maighstir Scouts a b' aosta ann am Breatann. Chaidh a leabhar air eachdraidh sgìre Bhaile Chloichrigh fhoillseachadh ann an 1925: Pitlochry: past and present. 'S e na deilbh aige fhèin de pheant-uisge a tha sna deilbh. Mar a bha e ann an Geàrrloch, bha e a-rithist trang am measg ghnothaichean na coimhearsnachd agus chuir e air bhonn Comann nam Fir Òga agus club nan raidhfeil.

Shiubhail Dixon timcheall an t-saoghail dà uair; rinn e sealgaireachd an Eilean Bhancùbhair agus chuir e seachad ùine ann an Iapan, àite air an robh e na eòlaiche agus na neach-cruinneachaidh ealain. Na iomradh-bàis (Perthshire Advertiser, 23 Dàmhair 1926) sgrìobh iad 'a gentleman of wide culture and fine, genial personality...held in the highest esteem by all classes of the community, from whose midst he has passed, full of years and of honour.'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

'Gairloch in North-West Ross-shire' (2)

ROS: Geàrrloch

2000an

claistinneach; cruthan-tìre litreachais

Am Baile

Literary Landscapes: John Henry Dixon