Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar - clàrachadh an èisg ghlacte Cèitean/Ògmhios 1960
EXTERNAL ID
HCD_DAVIDBANKS_098
DEIT
An t-Ògmhios 1960
LINN
1960an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
1383
KEYWORDS
gnìomhachas an iasgaich
iasgach a' bhradain mara
bradan
gnìomhachas a' bhradain
iasgach a' bhric
breac
iasgach le lìon
West Highland Salmon Fisheries Co. - record of fish caught, May/June 1960

Tha an sgrìobhainn seo a' clàrachadh àireamh an èisg a chaidh a ghlacadh aig gach tè de na sia stèiseanan-bradain air an ruith à Port Rìgh le Seumas Banks airson nan ceithir seachdainean suas gu 28mh Cèitean 1960 agus na ceithir seachdainean suas gu 25mh Ògmhios 1960. Tha e a' sealltainn mìneachadh air na chaidh ghlacadh de bhradan, de bhànag agus de bhreac aig gach stèisean. A bharrachd air na clàran seo, bhiodh Banks a' dèanamh iomradh sgrìobhte air an t-sìde ri aon taobh.

Mar a tha e san là-an-diugh, b' e mìos mhath sìde a bh' anns a' Chèitean. Tha Banks a' cur 'Beautiful month on the whole'. Bha treiseagan ann le uisge is gaoth, ach a' chuid a bu mhotha b' e mìos mhath a bh' ann agus 'long periods of sunshine'. Ach tha e cuideachd a' sgrìobhadh mu na gaothan mòra Neart 6 a rinn e 'difficult to get on our moorings'.

Fad nan ceithir seachdainean às dèidh siud bha glacaidhean beagan na b' fheàrr ann agus an t-sìde mhath a' cumail a' dol. 'Lovely four weeks' sgrìobh Banks a' chiad rud, ged a tha e a' dol air adhart a' bruidhinn air uisge trom fad dà latha agus gaothan mòra. Tha e cuideachd a' notadh 'David and Dan here while I was in Perth'. B' e Daibhidh mac Bhanks agus bha e a' cur seachad cha mhòr a h-uile samhradh aige ag obair le athair san Eilean Sgitheanach.

West Highland Salmon Fisheries Co Ltd (Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar Earr.)
Ann an 1944 cheannaich Seumas Banks & Mic, Peairt, màl iasgaich a' bhradain aig Oighreachd Chille Mhoire san Eilean Sgitheanach, bho A Powrie & Co, agus chuir e air bhonn a' West Highland Salmon Fisheries Co Ltd' (Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar Earr.) gus am màl obrachadh. Chùm an companaidh a' dol gu ruig 1962 nuair a chaidh a reic gu Coinneach MacMhathain, Port Rìgh.

Nuair a ghabh Banks & Mic thairis am màl bha stèiseanan iasgaich ann an Leathallt, Rigg (Boraraig), Stafainn, Port Rìgh, Camas Tianabhaig, Bail' Meadhanach agus Caisteal Bhròchaill (ann an Ratharsair). Ann an 1956 chaidh Bail' Meadhanach agus Camas Tianabhaig a chur còmhla mar stèisean a' Bhràighe, le triùir ag obair ann, ged a bhiodh ceathrar ag obair mar bu trice sna stèiseanan eile. Bhiodh an companaidh a' cumail mu 28 duine ann an obair gach bliadhna, agus an obair ga thairgse dhan aon fheadhainn gach bliadhna mus fheuchadh an companaidh ri daoine ùra fhastadh.

Bhiodh an seusan a' tòiseachadh fada sa Ghiblean/ tràth sa Chèitean agus a' dol gu deireadh an Lùnastail. Bhiodh grùnn fhireannaich cuideachd gam fastadh ann am mìosan a' gheamhraidh ach an toireadh iad deigh a nìos o dhama an t-Slugain gu bhith air a stòradh san taigh-deighe aig cidhe Phort Rìgh. Bhiodh gach ball den sgioba a' faighinn cùmhnant le fios air tuarastal, sgeama airgid a-bharrachd a bha san amharc agus uairean obrach agus chaidh oilisgin agus bòtannan rubair a thoirt dha.

Chaidh an t-iasg glacte a roinn ann am bradan, bànag agus breac, agus àireamh nam bànag a bu mhotha. Gach bliadhna ghlacadh iad mu 3000 iasg uile-gu-lèir fada sna 1940an agus tràth sna 1950an. Ann an 1957 chaidh an àireamh a bu mhotha a-riamh a ghlacadh - faisg air 10,000 iasg.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar - clàrachadh an èisg ghlacte Cèitean/Ògmhios 1960

1960an

gnìomhachas an iasgaich; iasgach a' bhradain mara; bradan; gnìomhachas a' bhradain; iasgach a' bhric; breac; iasgach le lìon

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

David Banks: West Highland Salmon Fisheries Co Ltd (documents)