Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Diùirinis, Loch Aillse
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_01_086_1320
ÀITE
Diùirinis
SGÌRE
Taobh Iar-dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1970an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
13840
KEYWORDS
taighean
bailtean
sabhail
coimhearsnachd
taigh croite
Duirinish, Lochalsh

'S e aon de na h-eisimpleirean as fheàrr de bhaile croitearachd sa Ghàidhealtachd a th' ann an Diùirinis. Tha e suidhichte eadar am Ploc agus Caol Loch Aillse, agus tha e air dà thaobh de dh'abhainn, Allt Dhiùirinis, a tha air taobh dheis an deilbh camara seo air cùlaibh nan craobh. Tha bò na seasamh gu aonaranach ann am fasgadh leudachadh taigh de dh'iarann preasach. Tha an dealbh seo den bhaile air a thogail bhon Ear, far a bheil an rathad ag èirigh suas chun an drochaid a dhealbhaich Telford a' dol air ais gu 1926 a tha a' dol tha na h-aibhne.

Ged a tha e aiir a ghearradh dheth bho mhuir leis an rèile a chaidh a leudachadh bho Phort an t-Sròim gu Caol Loch Aillse ann an 1897, thug a bhith a' suidheachadh stèisean ann an Diùirinis togail dhan eaconamaidh ionadail. Chunnaic an tuinneachadh croitearachd agus iasgaich seo a bha uair soirbheachail le àireamh-sluaigh de chòrr agus ceud neach ann an 1891, nam measg sin trì bùidsearan, neach-adhlacaidh agus neach dèanamhn lèintean, ìsleachadh mòr an dèidh a' Chiad Chogadh a lean tron linn mu dheieadh. A dh' aindeoin seo, tha am baile air a charactar a gleidheadh, gu h-àraidh mar a mhair na sabhail thaidiseanta a tha nam feart shònraichte den bhaile.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Diùirinis, Loch Aillse

ROS: Loch Aillse

1970an

taighean; bailtean; sabhail; coimhearsnachd; taigh croite

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept

'S e aon de na h-eisimpleirean as fheàrr de bhaile croitearachd sa Ghàidhealtachd a th' ann an Diùirinis. Tha e suidhichte eadar am Ploc agus Caol Loch Aillse, agus tha e air dà thaobh de dh'abhainn, Allt Dhiùirinis, a tha air taobh dheis an deilbh camara seo air cùlaibh nan craobh. Tha bò na seasamh gu aonaranach ann am fasgadh leudachadh taigh de dh'iarann preasach. Tha an dealbh seo den bhaile air a thogail bhon Ear, far a bheil an rathad ag èirigh suas chun an drochaid a dhealbhaich Telford a' dol air ais gu 1926 a tha a' dol tha na h-aibhne.<br /> <br /> Ged a tha e aiir a ghearradh dheth bho mhuir leis an rèile a chaidh a leudachadh bho Phort an t-Sròim gu Caol Loch Aillse ann an 1897, thug a bhith a' suidheachadh stèisean ann an Diùirinis togail dhan eaconamaidh ionadail. Chunnaic an tuinneachadh croitearachd agus iasgaich seo a bha uair soirbheachail le àireamh-sluaigh de chòrr agus ceud neach ann an 1891, nam measg sin trì bùidsearan, neach-adhlacaidh agus neach dèanamhn lèintean, ìsleachadh mòr an dèidh a' Chiad Chogadh a lean tron linn mu dheieadh. A dh' aindeoin seo, tha am baile air a charactar a gleidheadh, gu h-àraidh mar a mhair na sabhail thaidiseanta a tha nam feart shònraichte den bhaile.