Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sràid a' Bhanca, Am Ploc
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_01_086_1332
ÀITE
Am Ploc
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1970an
CRUTHADAIR
Highland Council Planning Department
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
13844
KEYWORDS
baile
turasachd
taigheadas
Bank Street, Plockton

Tha an rathad air taobh dheis an deilbh camara a' dol gu Sràid an Aoghais anns A' Phloc. Ach, tha na taighean san dealbh air Sràid a' Bhanca, sreath de thaighean le uinneagan-mullaich air leth tarraingeach bhon 19mh linn air cladach Loch Carrann. Tha leòidean Creag nan Garadh air cùl an deilbh. 'S e àite-seallaidh thar A' Phluic air a bheil daoine measail a th' ann.

'S e baile air a dhealbhadh a chaidh a chur a-mach dha Iarla Shìophort bho thùs ann an 1794 a th' anns A' Phloc agus chaidh a leasachadh le Uilleam Cuimein dhan ath uachdaran, Sir Ùisdean Aonghais ann an 1801 gus buannachd fhaighinn às an t-suidheachadh fasgach air cladach Loch Carrann agus gnìomhachas soirbheachail an sgadain aig an àm. Bha e cuideachd a' toirt dachaighean dhan luchd-gabhaltais a chaidh fhuadach à àiteachan eile air Oighreachd Loch Aillse.

'S e aon de na cinn-uidhe shaor-làithean air taobh an iar-thuath na Gàidhealtachd as motha air a bheil daoine measail a th' anns A' Phloc agus 's e baile glèdhteachais Urras Nàiseanta na h-Alba a th' ann.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sràid a' Bhanca, Am Ploc

ROS: Loch Aillse

1970an

baile; turasachd; taigheadas

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept

Tha an rathad air taobh dheis an deilbh camara a' dol gu Sràid an Aoghais anns A' Phloc. Ach, tha na taighean san dealbh air Sràid a' Bhanca, sreath de thaighean le uinneagan-mullaich air leth tarraingeach bhon 19mh linn air cladach Loch Carrann. Tha leòidean Creag nan Garadh air cùl an deilbh. 'S e àite-seallaidh thar A' Phluic air a bheil daoine measail a th' ann.<br /> <br /> 'S e baile air a dhealbhadh a chaidh a chur a-mach dha Iarla Shìophort bho thùs ann an 1794 a th' anns A' Phloc agus chaidh a leasachadh le Uilleam Cuimein dhan ath uachdaran, Sir Ùisdean Aonghais ann an 1801 gus buannachd fhaighinn às an t-suidheachadh fasgach air cladach Loch Carrann agus gnìomhachas soirbheachail an sgadain aig an àm. Bha e cuideachd a' toirt dachaighean dhan luchd-gabhaltais a chaidh fhuadach à àiteachan eile air Oighreachd Loch Aillse.<br /> <br /> 'S e aon de na cinn-uidhe shaor-làithean air taobh an iar-thuath na Gàidhealtachd as motha air a bheil daoine measail a th' anns A' Phloc agus 's e baile glèdhteachais Urras Nàiseanta na h-Alba a th' ann.