Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Eaglais Pharaiste a' Phluic
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_01_086_1335
ÀITE
Am Ploc
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1970an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
13847
KEYWORDS
eaglaisean
planaichean bhailtean
einnseanairean
Plockton Parish Church

Dh'fhosgail Eaglais Pharaiste a' Phluic ann an 1827, tè de na h-eaglaisean 'Telford' no 'Pàrlamaideach'. Thàinig an t-ainm seo bho Achd Pàrlamaid a chunnaic coimiseanaran a chur san dreuchd gus togail 40 eaglais a chur air dòigh, gach eaglais a chosgadh na bu lugha na £1500. B' e Tòmas Telford am prìomh einnseanair agus neach-suirbhidh, agus a h-uile tè de na h-eaglaisean air an aon deilbh. Chaidh an talamh airson Eaglais a' Phluic a thoirt seachad le Sir Ùisdean Aonghais, agus Iain MacDhaibhidh agus Tòmas MacPhàrlain na companaidhean obrach. An toiseach bha dùil gun gabhadh an eaglais 312 neach nan suidhe, ach leudaich seo gu 500 neach, leis an airgead a bharrachd air a phàigheadh le Issac Lillingston, uachdaran an fhearainn aig an àm. Bha mansa aon-lobhtach taobh thall an rathaid agus chaidh sin a reic bho chionn ghoirid agus b' e an t-airgead a rinn e a phàigh airson ùrachadh na h-eaglais gu ìre eaglais an là-an-diugh. Tha an eaglais an-diugh air a cleachdadh le dà choithional, Eaglais na h-Alba agus An Eaglais Shaor.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Eaglais Pharaiste a' Phluic

ROS: Loch Aillse

1970an

eaglaisean; planaichean bhailtean; einnseanairean

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept