Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar - clàrachadh an èisg ghlacte, Iuchar 1961
EXTERNAL ID
HCD_DAVIDBANKS_099
DEIT
An t-Iuchar 1961
LINN
1960an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
1387
KEYWORDS
gnìomhachas an iasgaich
iasgach a' bhradain mara
bradan
gnìomhachas a' bhradain
iasgach a' bhric
breac
iasgach le lìon
West Highland Salmon Fisheries Co. - record of fish caught, July 1961

Tha an clàrachadh seo a' sealltainn an àireamh de bhradan, bhànag is bhreac a chaidh a ghlacadh le Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar aig an diofar stèisean iasgaich air na seachdainean gu 22mh Iuchar agus 29mh Iuchar 1961. Na bhroinn cuideachd tha notaichean, dèanta le Seumas Banks, neach-seilbh na companaidh, mun t-sìde, mar bu trice. Bha an t-seachdain gu 22mh Iuchar, ged a bha e as t-samhradh, ann am facail Bhanks, 'Dull and drizzly' gun ghrian sam bith. Cha robh an t-seachdain na dèidh dad na b' fheàrr le 'uisg', uisg' is barrachd uisge'. Tha e a' cur crìoch air aithris na seachdain le bhith ag ràdh: 'Have never experienced anything like it.'

Cha tug an Lùnastal leis aimsir na b' fheàrr. Thòisich a' mhìos le 'another terrible week'. Thòisich an ath-sheachdain caran soilleir, ach ro mheadhan na seachdain bha e 'back to pouring rain and high winds'. Thàinig an t-seachdain sin gu crìch leis a' chiad trì làithean grianach samhraidh bhon 15mh den Ògmhios.

Bha àireamh an èisg a chaidh a ghlacadh glè ìseal agus sa chiad sheachdain den Lùnastal bha na stèiseanan ann an Ratharsair agus ann an Rig dùinte airson a' chòrr dhen t-seusain agus dhùin a' Bhraighe agus Stafainn an t-seachdain an dèidh siud. Bha seo timcheall air an àm a bhiodh an seusan a' dùnadh cha mhòr a h-uile bliadhna agus dh'fheumadh Seumas Banks tighinn gu codhunadh le bhith a' coimhead air àireamh an èisg air an glacadh. Ann an cuid de bhliadhnachan b' fhiach e cumail a' dol fad dhà no trì sheachdainean eile. B' e seo a' bhliadhna mu dheireadh a ruith Semas Banks gnothachas a' bhradain-mara. .

West Highland Salmon Fisheries Co Ltd (Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar Earr.)
Ann an 1944 cheannaich Seumas Banks & Mic, Peairt, màl iasgaich a' bhradain aig Oighreachd Chille Mhoire san Eilean Sgitheanach, bho A Powrie & Co, agus chuir e air bhonn a' West Highland Salmon Fisheries Co Ltd' (Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar Earr.) gus am màl obrachadh. Chùm an companaidh a' dol gu ruig 1962 nuair a chaidh a reic gu Coinneach MacMhathain, Port Rìgh.

Nuair a ghabh Banks & Mic thairis am màl bha stèiseanan iasgaich ann an Leathallt, Rigg (Boraraig), Stafainn, Port Rìgh, Camas Tianabhaig, Bail' Meadhanach agus Caisteal Bhròchaill (ann an Ratharsair). Ann an 1956 chaidh Bail' Meadhanach agus Camas Tianabhaig a chur còmhla mar stèisean a' Bhràighe, le triùir ag obair ann, ged a bhiodh ceathrar ag obair mar bu trice sna stèiseanan eile. Bhiodh an companaidh a' cumail mu 28 duine ann an obair gach bliadhna, agus an obair ga thairgse dhan aon fheadhainn gach bliadhna mus fheuchadh an companaidh ri daoine ùra fhastadh.

Bhiodh an seusan a' tòiseachadh fada sa Ghiblean/ tràth sa Chèitean agus a' dol gu deireadh an Lùnastail. Bhiodh grùnn fhireannaich cuideachd gam fastadh ann am mìosan a' gheamhraidh ach an toireadh iad deigh a nìos o dhama an t-Slugain gu bhith air a stòradh san taigh-deighe aig cidhe Phort Rìgh. Bhiodh gach ball den sgioba a' faighinn cùmhnant le fios air tuarastal, sgeama airgid a-bharrachd a bha san amharc agus uairean obrach agus chaidh oilisgin agus bòtannan rubair a thoirt dha.

Chaidh an t-iasg glacte a roinn ann am bradan, bànag agus breac, agus àireamh nam bànag a bu mhotha. Gach bliadhna ghlacadh iad mu 3000 iasg uile-gu-lèir fada sna 1940an agus tràth sna 1950an. Ann an 1957 chaidh an àireamh a bu mhotha a-riamh a ghlacadh - faisg air 10,000 iasg.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar - clàrachadh an èisg ghlacte, Iuchar 1961

1960an

gnìomhachas an iasgaich; iasgach a' bhradain mara; bradan; gnìomhachas a' bhradain; iasgach a' bhric; breac; iasgach le lìon

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

David Banks: West Highland Salmon Fisheries Co Ltd (documents)