Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cuibhreann o litir sgrìobhte le Louis-Albert Necker (7 Faoill 1840)
EXTERNAL ID
AB_LL_LOUIS_NECKER
ÀITE
Port Rìgh
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
DEIT
2008
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Louis Necker
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
1400
KEYWORDS
claistinneach
cruthan-tìre litreachais

Get Adobe Flash player

Tha a' chuibhreann chlaistinneach seo o litir (leis an deit Port Rìgh, 7 Faoill) sgrìobhte leis a' chlach-eòlaiche Eilbheiseach Louis-Albert Necker de Saussure gu Stefan Moricand à Geneva, leis an tiotal, 'Notice sur une Aurore Boreale qui a lieu le 3 Janvier 1840'. Tha a' chuibhreann air a leughadh an seo, ann am Fraingis , le Daibhidh McClymont.

'Notice sur une Aurore Boréale qui a lieu le 3 Janvier 1840. Extrait d'une lettre de M. L. Necker de Saussure, datée de Portsee, île de Sky, le 7 janvier.

Le 3 janvier il avait fait tout le jour un temps charmant, parfaitement serein et doux, un soleil beau et chaud. Vers 9 heures du soir, on vient m'avertir qu'il y a des 'Merry dancers', en gaelic 'Fir schliss', c'est-à-dire hommes gays. - Je m'élance hors de la maison, et vois en effet une assez belle aurore boréale; deux grands arcs concentriques au N. ou NO. sont composés de petits fuseaux lumineux, mobiles, verticaux, parmi lesquels de plus grands et plus larges très-brillans s'élèvent jusqu'à l'étoile polaire, et se rabaissent ensuite environ 10 degrés plus bas. - Une demi-heure plus tard il y a trios arcs, et à 10 ¼ heures elle devient superbe, avec six grands arcs de lumière blanche (comme les précédens) floconneux et en mèches comme des cheveux. Ces arcs, don't les plus larges vers le zénoth, sont disposes en côtes de melon, se réunissant au SO. et au NE. où est la plus vive lumière; l'avant-dernier arc au midi passes sous Orion, et le dernier ou le pays bas attaint Presque Sirius. Cette aurore éclairait sensiblement le pays.'

Rugadh Louis-Albert Necker de Saussure ann an Geneva an 10mh Giblein, 1786. Fhuair e foghlam aig Oilthigh Geneva aig aig Oilthigh Dhùin Èidinn far an robh e ag ionnsachadh mu cheimigeachd. Chaidh e an sàs ann an clasaichean Raibeirt Jamieson agus thug e seachad iomadh fios luachmhor do Chomann Rìoghail Dhùin Èidinn agus don Chomann Wernerian. Bha e na charaid do dh'iomadh fear den fheadhainn ainmeil ann an 'Soilleireachadh Alba', nam measg Walter Scott, Webb Seymour, John Hope, is John Playfair.

Bhiodh Necker a' toirt thursan à Dùn Èideann gus cruthachadh-chreagan na h-Alba a sgrùdadh. 'S e a rinn a' chiad mhodail de chlach-eòlas Eilein Arainn agus a dh'fhoillsich a' chiad mhapa de chlach-eòlas na h-Alba (1808). Thill e a Geneva ann an 1810 na Phroifeasair de dh'Fheallsanachd Nàdair. Thairis air an ath 30 bliadhna dh'fhoillsich e pàipearan air cuspairean cho sgaoilte ri eòlas-chriostalan, mèinnireachd, ceimigeachd, eòlas-bholcàno, agus solas. Bha buaidh aig a smuaintean air iomadh fear ainmeil, nam measg Fox Talbot, ann an cruthan tràtha den chamara, agus Faraday, na obair air treòraireachd ann an dealan. Ann an 1822 dh'fhoillsich e 'A Voyage to the Hebrides or Western Isles of Scotland'. Tha an dealbh de dh'Uaimh Fhionn (shuas) na dhealbh-toisich aig an leabhar seo.

Chuir Necker crìoch air obair a bu mhotha - 'Etudes Geologiques dans les Alpes' - an geamhradh 1839-40, a chuir e seachad sa mhòr-chuid ann am Port Rìgh. Thàinig an sgrùdadh seo a bhith aithnichte mar an obair stèidhichte mu eòlas-cruthachaidh-chreagan (geomorphology) na Roinn Eòrpa. An dèidh dha foillseachadh an leabhair a stiùireadh ann am Paris 's an Geneva, thill Louis a dh'Alba, a' dèanamh a dhachaigh ann am Port Rìgh sa Ghiblean 1841. Bha am fichead bliadhna dheireannach aige san Eilean Sgitheanach, far na chuir e seachad a' chuid a bu mhotha dhe ùine a' sgrùdadh nan reultan, gu h-àraid a' coimhead air annas an Aurora Borealis, na fir chlis. Bhiodh e a' siubhal an cois a' Phroifeasair Foirbeis air a thursan cunbhalach dhan Eilean Sgitheanach agus b' e Necker fhèin a rinn a' chiad tomhas ceart de dh'àirde beanntan a' Chuilthinn.

Bhàsaich Necker ann am Port Rìgh san t-Samhain 1861 agus tha e air a thiodhlaiceadh ann an seann chladh na h-eaglaise sa bhaile.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cuibhreann o litir sgrìobhte le Louis-Albert Necker (7 Faoill 1840)

INBHIR NIS: Port Rìgh

2000an

claistinneach; cruthan-tìre litreachais

Am Baile

Literary Landscapes: Louis-Albert Necker