Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar - cuidhteas mu mhàl pàighte gu Oighreachd MhicDhòmhnaill, 1949
EXTERNAL ID
HCD_DAVIDBANKS_102
DEIT
20 An Cèitean 1949
LINN
1940an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
1401
KEYWORDS
gnìomhachas an iasgaich
iasgach a' bhradain mara
bradan
gnìomhachas a' bhradain
iasgach a' bhric
breac
iasgach le lìon
West Highland Salmon Fisheries Co. - receipt for land rental from MacDonald Estates, 1949

'S e th' anns an sgrìobhainn seo cuidhteas airson màl air a phàigheadh gu oighreachd a' Mhorair MhicDhòmhnaill le Seumas Banks aig Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar. Sgrìobhte mar 'Portree, Bayfield Store, etc', tha seo a' bruidhinn air seada nam bàta agus air talamh ri a thaobh air a chleachdadh le Banks airson lìn a thiormachadh agus a chàradh a bharrachd air bàtaichean agus uidheam uile a chumail suas.

B' e am màl iomlan airson bliadhna gu 11mh Samhainn (sgrìobhte air a' chuidhteas) £20 ach b' ann gu Là Fhèill Mhàrtainn, am 28mh Samhainn a bha a' bhliadhna a' dol. 'S e seo fear de na làithean sa bhliadhna laghail Albannach nuair a bhios màl, gabhail rè-ama agus cùmhnantan eile gan ùrachadh (b' e Là Fhèill Brìghde nan coinnlean, Didòmhnaich 'Whit' agus Là Lùnast' an fheadhainn eile). An toiseach b' ann air làithean fèille a bha seo, ach chaidh a cheangal ris an 28mh là a h-uile trì mìosan le Achd (Alba) 1990 nan Ràith 's nan Làithean Cairtealach. Tha an cuidhteas air a dhearbhadh le stampa agus ainm-làmh-sgrìobhte Maor Oighreachd MhicDhòmhnaill. Chaidh an cunntas a phàigheadh am 20mh Cèitean, 1949.

West Highland Salmon Fisheries Co Ltd (Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar Earr.)
Ann an 1944 cheannaich Seumas Banks & Mic, Peairt, màl iasgaich a' bhradain aig Oighreachd Chille Mhoire san Eilean Sgitheanach, bho A Powrie & Co, agus chuir e air bhonn a' West Highland Salmon Fisheries Co Ltd' (Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar Earr.) gus am màl obrachadh. Chùm an companaidh a' dol gu ruig 1962 nuair a chaidh a reic gu Coinneach MacMhathain, Port Rìgh.

Nuair a ghabh Banks & Mic thairis am màl bha stèiseanan iasgaich ann an Leathallt, Rigg (Boraraig), Stafainn, Port Rìgh, Camas Tianabhaig, Bail' Meadhanach agus Caisteal Bhròchaill (ann an Ratharsair). Ann an 1956 chaidh Bail' Meadhanach agus Camas Tianabhaig a chur còmhla mar stèisean a' Bhràighe, le triùir ag obair ann, ged a bhiodh ceathrar ag obair mar bu trice sna stèiseanan eile. Bhiodh an companaidh a' cumail mu 28 duine ann an obair gach bliadhna, agus an obair ga thairgse dhan aon fheadhainn gach bliadhna mus fheuchadh an companaidh ri daoine ùra fhastadh.

Bhiodh an seusan a' tòiseachadh fada sa Ghiblean/ tràth sa Chèitean agus a' dol gu deireadh an Lùnastail. Bhiodh grùnn fhireannaich cuideachd gam fastadh ann am mìosan a' gheamhraidh ach an toireadh iad deigh a nìos o dhama an t-Slugain gu bhith air a stòradh san taigh-deighe aig cidhe Phort Rìgh. Bhiodh gach ball den sgioba a' faighinn cùmhnant le fios air tuarastal, sgeama airgid a-bharrachd a bha san amharc agus uairean obrach agus chaidh oilisgin agus bòtannan rubair a thoirt dha.

Chaidh an t-iasg glacte a roinn ann am bradan, bànag agus breac, agus àireamh nam bànag a bu mhotha. Gach bliadhna ghlacadh iad mu 3000 iasg uile-gu-lèir fada sna 1940an agus tràth sna 1950an. Ann an 1957 chaidh an àireamh a bu mhotha a-riamh a ghlacadh - faisg air 10,000 iasg.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar - cuidhteas mu mhàl pàighte gu Oighreachd MhicDhòmhnaill, 1949

1940an

gnìomhachas an iasgaich; iasgach a' bhradain mara; bradan; gnìomhachas a' bhradain; iasgach a' bhric; breac; iasgach le lìon

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

David Banks: West Highland Salmon Fisheries Co Ltd (documents)