Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Rannan o 'Nuair bha mi Òg'
EXTERNAL ID
AB_LL_MAIRI_MHOR_01
ÀITE
Sgeabost
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Snìothasort
DEIT
2008
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Màiri Mhòr
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
1402
KEYWORDS
bàrdachd
bàird
claistinneach
cruthan-tìre litreachais

Get Adobe Flash player

Chaidh 'Nuair bha mi Òg' a sgriobhadh leis a' bhana-bhàrd on Eilean Sgitheanach, Màiri Mhòr nan Òran. Sa phìos claistinneachd seo tha trì rannan air an leughadh le Fiona J NicCoinnich, an tè a bha roimhe (2002-09) na Caidriche Màiri Mhòir Òrain Ghàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd.

Nuair bha mi Og

Moch 's mi g-èirigh air
Moch 's mi g-èirigh air bheagan eislein
Air madainn Chèitein 's mi ann an Os
Bha sprèidh a geumnaich an ceann a chèile
'S a ghrian ag èirigh air Leac an Storr
Bha gath a boillsgeadh air slios nam beanntan
Cur tuar na h-oidhche na dheann fo sgod
Is os mo chionn sheinn an uiseag ghreannmhor
Toirt na mo chuimhne nuair bha mi og

Toirt na mo chuimhne iomadh ni a rinn mi
Nach faigh mi 'm bann gu ceann thall mo sgeòil
A falbh sa gheamhradh gu luaidh is bainnsean
Gun solas lainnteir ach ceann an fhoid
Bhiodh òigridh ghreannmhor ro ceòl is dannsa
Ach dh'fhalbh an t-am sin 's tha 'n glean fo bhron
Bha'n tobht aig Anndra 's e lan de fheanntaig
Toirt na mo chuimhne nuair bha mi og

Nuair chuir mi cuairt air gach gleann is cruachan
Far an robh mi suaimhneach is cuallach bho
Le òigridh ghuanach tha nis air fuadach
De shliochd na tuath bha gun uaill gun gho
Na raoin ;s na cluaintean fo fhraoch is luachair
Far 'n tric na bhuaineadh leam sguab is dlò
'S nam faicinn sluagh agus taighean suas annt'
Gum fasainn suaimhneach mar bha mi og'

Bho aois leth-cheud bliadhna, bha Màiri Mhòr nan Òran, tè a Sgeabost san Eilean Sgitheanach, a' sgrìobhadh iomadh òran mu eilthireachd, mu mholadh is mu dhòchas, a bharrachd air òrain a' togail fianais an aghaidh dòigh làimhseachaidh nan Gàidheal. Rugadh i leis an ainm Màiri NicDhòmhnaill ann an 1821 agus dh'fhàg i an t-Eilean, a' falbh a dh'Inbhir Nis ann an 1847 ach am pòsadh i Ìsaac Mac a' Phearsain. Nuair a bhàsaich esan ann an 1871, dh'fhàgadh Màiri na bantraich le coignear chloinne, agus b' ann nuair a chaidh a prìosanachadh treiseag ann an 1872, air casaid gun d' rinn i beagan goid, a thòisich i a' sgrìobhadh bàrdachd, a' gearan nach robh i idir ciontach agus ag innse sna rannan Gàidhlig aice cho feargach 's a bha i.

Nuair a chaidh a leigeil mu sgaoil, ghluais Màiri a Ghlaschu agus rinn i trèanadh gus am biodh i na niorsa. Bhiodh i a' dol gu cèilidhean aig na Comainn Ghàidhealach, a' coinneachadh ris na prìomh dhaoine a bha a' guidhe airson Ath-leasachadh an Fhearainn sa Ghàidhealtachd. Nuair a thill i dhan Eilean Sgitheanach sna 1880an chaidh a dèanamh na bàrd do Cho-bhann an Fhearainn. Ann an 1891 chaidh 'Gaelic Songs and Poems' fhoillseachadh, air an cur ann an sgrìobhadh bhon aithris aig Màiri. .

An dèidh tinneas ghoirid, bhàsaich Màiri an 8mh den t-Samhainn 1898 nuair a bha i a' tadhal ann am Port Rìgh. Chaidh a tìodhlacadh ann an cladh Gàrradh a' Chaibeil ann an Inbhir Nis, far an deach carragh-cuimhne a thogail dhi le Teàrlach Friseal Mac an Tòisich BP. Ann an 2002 stèidhich Comhairle na Gàidhealtachd Caidreabh Màiri Mhòr nan Òran airson a cuimhneachadh, caidreabh airson seinn sa Ghàidhlig a leasachadh agus a bhrosnachadh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Rannan o 'Nuair bha mi Òg'

INBHIR NIS: Snìothasort

2000an

bàrdachd; bàird; claistinneach; cruthan-tìre litreachais

Am Baile

Literary Landscapes: Màiri Mhòr nan Òran