Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sràid a' Chala, Am Ploc
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_01_102_1768
ÀITE
Am Ploc
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1970an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
14059
KEYWORDS
taighean-òsta
eaglaisean
mansaichean
Harbour Street, Plockton

B' e baile beag air a phlanadh a bha sa Phloc an toiseach, air a chàradh airson Iarla Shìphoirt ann an 1794. Chaidh am baile a leasachadh ann an 1801 le Uilleam Cumming airson an ath uachdaran, Sir Ùisdean Aonghais, ach an coisneadh iad a-mach às an fhasgadh a bha sna h-uisgeachan far Loch Carrann agus à gnìomhachas an sgadain a bha gu math soirbheachail. Bha dachaighean sa bhaile cuideachd do luchd-màil air an ruagadh à fearann eile air Oighreachd Loch Aillse. Chaidh an Oighreachd a cheannach sna 1850an le Sir Alasdair MacMhathain, am fear a thog cuideachd Caisteal Dhùin Creige shuas a' coimhead thar a' bhàigh. Taobh thall a' bhàigh tha na togalaichean air Sràid a' Chala a' lùbadh fad na tràghad, leis na craobhan pailm aig oir an rathaid a tha an-diugh glè aithnichte.

Tha an suidheachadh tarraingeach, fasgach aig a' Phloc, agus mar a tha ruith na mara, an 'North Atlantic Drift' ga fhàgail le gnàth-shìde glè shocair, air am baile a thionndadh o bhaile iasgaich trang gu àite socair an luchd-turais, air a bhrosnachadh le grunn phrògraman telebhisean air an suidheachadh san sgìre. Tha mòran de na taighean san dealbh seo de Shràid a' Chala an-diugh nan taighean samhraidh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sràid a' Chala, Am Ploc

ROS: Loch Aillse

1970an

taighean-òsta; eaglaisean; mansaichean

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept

B' e baile beag air a phlanadh a bha sa Phloc an toiseach, air a chàradh airson Iarla Shìphoirt ann an 1794. Chaidh am baile a leasachadh ann an 1801 le Uilleam Cumming airson an ath uachdaran, Sir Ùisdean Aonghais, ach an coisneadh iad a-mach às an fhasgadh a bha sna h-uisgeachan far Loch Carrann agus à gnìomhachas an sgadain a bha gu math soirbheachail. Bha dachaighean sa bhaile cuideachd do luchd-màil air an ruagadh à fearann eile air Oighreachd Loch Aillse. Chaidh an Oighreachd a cheannach sna 1850an le Sir Alasdair MacMhathain, am fear a thog cuideachd Caisteal Dhùin Creige shuas a' coimhead thar a' bhàigh. Taobh thall a' bhàigh tha na togalaichean air Sràid a' Chala a' lùbadh fad na tràghad, leis na craobhan pailm aig oir an rathaid a tha an-diugh glè aithnichte. <br /> <br /> Tha an suidheachadh tarraingeach, fasgach aig a' Phloc, agus mar a tha ruith na mara, an 'North Atlantic Drift' ga fhàgail le gnàth-shìde glè shocair, air am baile a thionndadh o bhaile iasgaich trang gu àite socair an luchd-turais, air a bhrosnachadh le grunn phrògraman telebhisean air an suidheachadh san sgìre. Tha mòran de na taighean san dealbh seo de Shràid a' Chala an-diugh nan taighean samhraidh.