Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
West Highland Salmon Fisheries Co. - letter from North of Scotland Hydro-Electric Board, 1953

Chaidh an litir seo gu Seumas Banks ann an Ach' a' Bhàigh, Port Rìgh, an aon litir 's a chaidh gu gach cleachdadair den Dealan-Uisge san sgìre. B' e cuspair na litreach fiosrachadh do dhaoine ciamar a phàigheadh iad na cunntasan aca san oifis ann am Port Rìgh, ach cuideachd bha e gam brosnachadh a thadhal air a' bhùth-taisbeabanaidh ach am faiceadh iad na goireasan ùra a ghabhadh ceannach. Gheibheadh a h-uile duine an dealan bho bhliadhna roimhe sin agus 's cinnteach gu robh iad fhathast a' cur eòlas air dealan a bhith aca a-staigh agus na h-innealan a bha ri fhaighinn.

Nuair a thàinig an dealan do choimhearsnachd sam bith b' e àite cudromach a bha sa bhùth-taisbeanaidh, àite far am fàsadh an luchd-cleachdaidh eòlach air cho goireasach 's a bha an dealan. Bha cucairean is fridsean air an sònrachadh. Ghabhadh innealan na bu lugha mar choireachan, lampaichean is ceangalaichean solais cuideachd a cheannach. Na Mhanaidsear na Sgìre, tha Torcull MacNeacail ag ràdh san litir seo gu robh luchd-obrach eòlach sa bhùth a bheireadh seachad comhairle mu dheidhinn nan innealan ùra seo. A bharrachd air bùithean-taisbeanaidh agus oifisean, bha Bòrd an Dealan-uisge a' dèanamh taisbeanaidhean ann an tallannan na coimhearsnachd far am biodh innealan ann ri fhaicinn. Bhiodh luchd-taisbeanaidh ann a shealladh do dhaoine mar a b' fheàrr a chuireadh iad na h-innealan cùmhnadh-obrach seo gu feum.

Chaidh sgeama Dealan-uisge Lochan an Stòir fhosgladh gu h-oifigeil sa Chèitean 1952 agus an toiseach bha e a' dèanamh dealain do mu 850 taigh san Eilean. Roimhe seo bha dealan prìobhaideach air a dhèanamh le gineadairean aig cuid de na taighean mòra 's na gnothachasan air an Eilean.

West Highland Salmon Fisheries Co Ltd (Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar Earr.)
Ann an 1944 cheannaich Seumas Banks & Mic, Peairt, màl iasgaich a' bhradain aig Oighreachd Chille Mhoire san Eilean Sgitheanach, bho A Powrie & Co, agus chuir e air bhonn a' West Highland Salmon Fisheries Co Ltd' (Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar Earr.) gus am màl obrachadh. Chùm an companaidh a' dol gu ruig 1962 nuair a chaidh a reic gu Coinneach MacMhathain, Port Rìgh.

Nuair a ghabh Banks & Mic thairis am màl bha stèiseanan iasgaich ann an Leathallt, Rigg (Boraraig), Stafainn, Port Rìgh, Camas Tianabhaig, Bail' Meadhanach agus Caisteal Bhròchaill (ann an Ratharsair). Ann an 1956 chaidh Bail' Meadhanach agus Camas Tianabhaig a chur còmhla mar stèisean a' Bhràighe, le triùir ag obair ann, ged a bhiodh ceathrar ag obair mar bu trice sna stèiseanan eile. Bhiodh an companaidh a' cumail mu 28 duine ann an obair gach bliadhna, agus an obair ga thairgse dhan aon fheadhainn gach bliadhna mus fheuchadh an companaidh ri daoine ùra fhastadh.

Bhiodh an seusan a' tòiseachadh fada sa Ghiblean/ tràth sa Chèitean agus a' dol gu deireadh an Lùnastail. Bhiodh grùnn fhireannaich cuideachd gam fastadh ann am mìosan a' gheamhraidh ach an toireadh iad deigh a nìos o dhama an t-Slugain gu bhith air a stòradh san taigh-deighe aig cidhe Phort Rìgh. Bhiodh gach ball den sgioba a' faighinn cùmhnant le fios air tuarastal, sgeama airgid a-bharrachd a bha san amharc agus uairean obrach agus chaidh oilisgin agus bòtannan rubair a thoirt dha.

Chaidh an t-iasg glacte a roinn ann am bradan, bànag agus breac, agus àireamh nam bànag a bu mhotha. Gach bliadhna ghlacadh iad mu 3000 iasg uile-gu-lèir fada sna 1940an agus tràth sna 1950an. Ann an 1957 chaidh an àireamh a bu mhotha a-riamh a ghlacadh - faisg air 10,000 iasg.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar - litir o Bhòrd an Dealain-Uisge Alba a Tuath , 1953

1950an

gnìomhachas an iasgaich; iasgach a' bhradain mara; bradan; gnìomhachas a' bhradain; iasgach a' bhric; breac; iasgach le lìon; dealan; companaidhean dealain; cumhachd

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

David Banks: West Highland Salmon Fisheries Co Ltd (documents)