Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
'Sneachd air Druim Uachdair'
EXTERNAL ID
AB_LL_MARY_RHIND_02
ÀITE
Cùil Bàicidh
SGÌRE
Am Blàr Dubh
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Urchadan 's Lagaidh an Iar
DEIT
2008
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Mary Rhind
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
1410
KEYWORDS
claistinneach
cruthan-tìre litreachais

Get Adobe Flash player

Tha a' chuibhreann chlaistinneach seo o 'Sneachd air Druim Uachdair', a tha na nobhail do chloinn, sgrìobhte le Màiri Rhind, foillsichte ann an 2000. Tha òran ainmeil Gàidhlig ann cuideachd leis an ainm 'Sneachd air Druim Uachdair'. Tha a' chuibhreann air a leughadh an seo leis an ùghdar.

Sneachd air Druim Uachdair

"A bheil an t-àite seo fad' air falbh?"

Bha eagal oirre gum biodh i air a lathadh leis an fhuachd mus ruigeadh iad.

"An cuala tu riamh an sgeulachd mun bhuachaille a bhàsaich san t-sneachda?" dh'fhaighnich Alasdair.

"Chuala gu dearbh, 's tha mi eòlach air an òran a rinn a leannan. Sgeulachd gu math brònach a th' ann."

"Uill, bidh mi a' leigeil orm gur e an t-àite a sheallas mi dhut an t-àite a sheallas mi dhut an t-àite san do bhàsaich e. Bidh mi a' tadhal air gu tric sa gheamhradh a' smaointinn ciamar a dh'fhaodadh a leithid de rud tachairt."

Shuath Eilidh a làmhan ri chèile gus am blàthachadh. Bha amharas aice càit an robh iad a' dol, oir bha eòlach air fuaran a bha faisg air làimh far am biodh iad a' cluich 's i òg.

"Chan eil mi smaointinn gu bheil fuaran an òrain cho faisg air a' bhaile, gur ann a tha e nas fhaisg' air Druim Uachdair fhèin. Bidh fios aig Peigi."

"Chan eil e gu deifir. 'S toigh leam a bhith leigeil orm gur e seo an t-àite 's gum faic mi nam inntinn corp a' bhuachaille san t-sneachda."

Chuir e iongnadh air Eilidh gum faodadh àite far an tàinig bàs cho brònach a bhith cho tarraingeach do dhuine.

Thòisich iad air coiseachd ri taobh an rathaid airson greiseig, 's un uair sin, thug iad ceum sìos am measg an fhraoich. Bha a' ghaoth cho làidir's nach robh cothrom air bruidhinn. Bha an sneachda air an talamh car domhainn ach choisich Alasdair air thoiseach agus chaidh Eilidh na dhèidh, a' cur a casan ann an làraich nan casan aigesan. Bha ceumannan mòra, fada aige is cha mhòr nach fheumadh Eilidh leum a ghearradh leis an astar a bha eatarra. Chan fhaiceadh i ach a dhruim mòr, làidir roimhpe. Ma than bean fa-near dha, thuirt i rithe fhèin, dh'fhaodainn nas miosa na sin a dhèanamh!

Bha iad pìos air falbh bhon rathad mhòr a-nis ann an lar air choreigin. Chan fhaiceadh ian an rathad ach chluinneadh iad fhathast fuaim nan càraichean 's nan làraidhean.

"Seo an t-àite!" thuirt Alasdair, a' tionndadh gu h-obann ris an taobh chlì. "Tha e brèagha, nach eil?"

Bha e sin. Bha an t-àite dìreach mar a bha cuimhne aig Eilidh air. Bha fuaran a' tighinn às an talamh, boinnean uisge a' leum bhuaithe mar boinnean glainne agus na boinnean a bu bheòthaile a' tuiteam ri taobh an fhuarain 's a' tionndadh gu deigh mar dhìtheanan reòthta geamhraidh.

A dh'aindeoin 's gu robh cinnt aig Eilidh nach b' e seo an t-àite ceart, cha b' urrainn dhi gun a bhith a' smaointinn air an duine òg a bhàsaich leis an fhuachd o chionn bhliadhnaichean mòra. Thàinig faireachdainn mhì-chneasta thuice. Cha robh i airson fuireach.'

Rugadh is thogadh Màiri Rhind ann an Dùn Èideann agus tha i a-nis a' fuireach ann an Cùl Bòcaidh air an Eilean Dubh. An dèidh dhi ceumnachadh o Roinn Cheilteach Oilthigh Obar Dheathain, rannsaich i an t-Àm Tràth Chrìosdail. Tha buaidh aig an rannsachadh seo air a sgeulachdan. Choisinn a ciad nobhail 'The Dark Shadow' duais 'Quest for a Kelpie'. Tha i cuideachd na sgrìobhadair de cholbhan Gàidhlig.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

'Sneachd air Druim Uachdair'

ROS: Urchadan 's Lagaidh an Iar

2000an

claistinneach; cruthan-tìre litreachais

Am Baile

Literary Landscapes: Mary Rhind