Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar - litir mu luach-cìse an fhearainn, 1953
EXTERNAL ID
HCD_DAVIDBANKS_105
DEIT
28 An Lùnastal 1953
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
1413
KEYWORDS
gnìomhachas an iasgaich
iasgach a' bhradain mara
bradan
gnìomhachas a' bhradain
iasgach a' bhric
breac
iasgach le lìon
cìsean
riaghaltas sgìreil
West Highland Salmon Fisheries Co. - letter regarding land valuation, 1953

Chaidh an litir seo a chur gu Seumas Banks aig Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar. Tha e mu dheidhinn a thaigh ann an Ach' a' Bhàigh, Port Rìgh. Faisg air an taigh bha seada-bhàta ann anns an glèidheadh iad na bàtaichean na bu mhotha a bhiodh aca ag iasgach san t-seusan. Bhiodh iad cuideachd a' glèidheadh lìn, uidheam eile agus bàtaichean beaga ann sa gheamhradh. Tha coltas na litreach seo ag innse gu robh Banks an dòchas gum biodh an talamh air ath-luachadh mar fhearann àiteachais gus nach biodh an taigh-còmhnaidh fhèin a' nochdadh air liosta luachaidh na siorrachd. Dh'fhàgadh sin Banks gun ach glè bheag de chìsean-siorramachd a phàigheadh, fìor bhuannachd don ghnothachas aige. Ach dh'fhàg freagairt Fear-measaidh na Siorramachd glè bheag de theagamh sa chùis no cothrom air barrachd rèiteachaidh.

West Highland Salmon Fisheries Co Ltd (Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar Earr.)
Ann an 1944 cheannaich Seumas Banks & Mic, Peairt, màl iasgaich a' bhradain aig Oighreachd Chille Mhoire san Eilean Sgitheanach, bho A Powrie & Co, agus chuir e air bhonn a' West Highland Salmon Fisheries Co Ltd' (Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar Earr.) gus am màl obrachadh. Chùm an companaidh a' dol gu ruig 1962 nuair a chaidh a reic gu Coinneach MacMhathain, Port Rìgh.

Nuair a ghabh Banks & Mic thairis am màl bha stèiseanan iasgaich ann an Leathallt, Rigg (Boraraig), Stafainn, Port Rìgh, Camas Tianabhaig, Bail' Meadhanach agus Caisteal Bhròchaill (ann an Ratharsair). Ann an 1956 chaidh Bail' Meadhanach agus Camas Tianabhaig a chur còmhla mar stèisean a' Bhràighe, le triùir ag obair ann, ged a bhiodh ceathrar ag obair mar bu trice sna stèiseanan eile. Bhiodh an companaidh a' cumail mu 28 duine ann an obair gach bliadhna, agus an obair ga thairgse dhan aon fheadhainn gach bliadhna mus fheuchadh an companaidh ri daoine ùra fhastadh.

Bhiodh an seusan a' tòiseachadh fada sa Ghiblean/ tràth sa Chèitean agus a' dol gu deireadh an Lùnastail. Bhiodh grùnn fhireannaich cuideachd gam fastadh ann am mìosan a' gheamhraidh ach an toireadh iad deigh a nìos o dhama an t-Slugain gu bhith air a stòradh san taigh-deighe aig cidhe Phort Rìgh. Bhiodh gach ball den sgioba a' faighinn cùmhnant le fios air tuarastal, sgeama airgid a-bharrachd a bha san amharc agus uairean obrach agus chaidh oilisgin agus bòtannan rubair a thoirt dha.

Chaidh an t-iasg glacte a roinn ann am bradan, bànag agus breac, agus àireamh nam bànag a bu mhotha. Gach bliadhna ghlacadh iad mu 3000 iasg uile-gu-lèir fada sna 1940an agus tràth sna 1950an. Ann an 1957 chaidh an àireamh a bu mhotha a-riamh a ghlacadh - faisg air 10,000 iasg.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar - litir mu luach-cìse an fhearainn, 1953

1950an

gnìomhachas an iasgaich; iasgach a' bhradain mara; bradan; gnìomhachas a' bhradain; iasgach a' bhric; breac; iasgach le lìon; cìsean; riaghaltas sgìreil

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

David Banks: West Highland Salmon Fisheries Co Ltd (documents)