Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
'Mar a Chumas Neach a Cheann'
EXTERNAL ID
AB_LL_MYLES_CAMPBELL
DEIT
2008
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Myles Campbell
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
1414
KEYWORDS
bàrdachd
bàird
claistinneach
cruthan-tìre litreachais

Get Adobe Flash player

'Mar a Chumas Neach a Cheann' le Maoilios Caimbeul - air a leughadh an seo le Tormod MacDhòmhnaill.

Mar a Chumas Neach a Cheann

Cùm dìreach e, gun a chumail ro àrd
no caillidh tu sùil
an neach eile.
Ach na coimhead sìos;
's ann shuas a tha a' ghrian.
Tha fhios agad dè tha shìos: dubh.
'S ann an còmhnaidh eadar an làr agus nèamh
a tha na nithean as fheàrr.
Tha dòigh cheart ann
air do cheann a chumail
agus 's e dòigh nàdarrach
gun phròis no irioslachd a th' ann.
Tha an t-sùil dìreach
a' tighinn eadar àirde is ìsle.

'S e bàrd Gàidhlig a th' ann am Maoilios Caimbeul a tha a' fuireach san Eilean Sgitheanach. 'S ann à Stafainn a bha a mhàthair agus athair à Nis ann an Leòdhas agus chaidh a thogail sna h-eileanan agus air costa siar na h-Alba. Tha gaol àite cudromach sa bhàrdachd mu dheireadh a sgrìobh e agus sireadh airson talamh seasmhach fon chois ann an cuan ùr-nodha na mì-chinnt, agus dath feallsanachail tric air a' bhàrdachd sin.
Tha e air 5 cruinneachaidhean a thoirt a-mach, 6 a' cunntas Breac-a'-Mhuiltein, taghadh den bhàrdachd aige, 1974-2006, ann an Gàidhlig le eadar-theangachaidhean Gaeilge. Tha grunn dhàin ùra san leabhar cuideachd. Tha obair Chaimbeil ann an iomadh duanaire. Gabhaidh barrachd fiosrachaidh, mu a bhàrdachd 's a sgrìobhaidhean eile, fhaighinn air an làraich-lìn aige. Faic an Tinne Co-cheangailte (link), shìos fodha.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

'Mar a Chumas Neach a Cheann'

2000an

bàrdachd; bàird; claistinneach; cruthan-tìre litreachais

Am Baile

Literary Landscapes: Myles Campbell