Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh-òsta Loch Dubhthaich, Àird Eilbh
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_01_109_1925
ÀITE
Àird Eilbh
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1970an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
14140
KEYWORDS
taighean-òsta
drochaidean
Loch Duich Hotel, Ardelve

Tha Taigh-òsta Loch Dubhthaich, air an robh an toiseach an t-ainm Taigh-òsta Aiseag na h-Àirde, na shuidhe faisg air clachan Àird Eilbh, agus chithear bhuaithe sealladh air leth àlainn air Caisteal Eilean Donnain. Tha Loch Aillse, Loch Long agus Loch Dubhthaich a' coinneachadh faisg air siud. Bhiodh aiseag na h-Àirde a' dol tarsainn o Rubha Àird Eilbh do bhaile an Dòrnaidh, na cheangal cudromach eadar Loch Aills' agus Cinn Tàile, ach sna 1940an chaidh drochaid a thogail na àite. B' ann san taigh-òsta seo a chaidh fàilte a chur air na h-uachdarain nuair a chaidh Drochaid ùr an Dòrnaidh fhosgladh sa Ghiblean, 1940. B' ann de chruadhtan-iarrainnte a bha an drochaid sin agus ann an 1991chaidh sin a leagail nuair a chaidh drochaid-rathaid ùr an dà-shlighe a thogail na h-àite, drochaid a bha taobh a-muigh baile an Dòrnaidh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh-òsta Loch Dubhthaich, Àird Eilbh

ROS: Loch Aillse

1970an

taighean-òsta; drochaidean

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept