Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh tughaidh, 12 Àird Eilbh Ìochdrach
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_01_109_1926
ÀITE
Àird Eilbh
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1970an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
14141
KEYWORDS
seann taighean
taighean tughaidh
mullaichean thaighean
Thatched cottage, 12 Lower Ardelve

'S ann o 1840 a tha an taigh tughaidh seo, le liostadh Ìre A agus freama mullaich air de chumadh cruaich, agus 's e an eisimpleir mu dheireadh de thaigh de sheòrsa ann an sgìre Loch Aillse. Tha e na shuidhe ann an Àird Eilbh Ìochdrach faisg air tràighean Loch Aillse, a' coimhead a-mach air Eilean Tioram agus air Caisteal Donnain air a chùlaibh. Ged a chaidh a thughadh an toiseach le fraoch agus le luachair, chaidh ath thughadh a chur air ann an 1996, le luachair a-mhàin. Tha rud annasach air nach fhaicear tric : similear pucasach fhiodha air a' ghèibil an ear, rud a tha ag obair mar theinntean don chidsin/rùm-fuireach. Tha an taigh air a thogail à sprùilleach cloiche air a ghealachadh le aol-uisge, le oiseanan cruinn agus bonn-bhalla de dh'ulpagan mòra. Tha poirdse de dh'iarann preasach a' dìon an dorais a tha am meadhan a' bheulaibh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh tughaidh, 12 Àird Eilbh Ìochdrach

ROS: Loch Aillse

1970an

seann taighean; taighean tughaidh; mullaichean thaighean

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept