Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loidse an Ear, Baile Mac Ara
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_01_109_1932
ÀITE
Baile Mac Ara
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1970an
CRUTHADAIR
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
14143
KEYWORDS
taighean oighreachd
colaistean
colaistean àiteachais
colaisde
craobhan
oighreachdan
East Lodge, Balmacara

Tha Loidse an Ear na shuidhe faisg air gobhal an A87 agus an rathad gu Ceàrnag Bhaile Mac Ara, mu 3 mìle air falbh o Chaol Loch Aills'. 'S cinnteach gu robh an taigh uaireigin na phàirt de dh'Oighreachd Bhaile Mac Ara, agus thuirt cuideigin gu robh neach-sprèidh aig tuathanas na h-Oighreachd agus aig Colaiste an Àiteachais a' fuireach ann. Chaidh an Colaiste no Sgoil Thaigh Bhail' Mac Ara fhosgladh ann an 1947 agus bha treud sprèidh agus taigh-bainne ùr-nòsach na phàirt dheth. Dhùin e ann an 1973.

Tha Baile Mac Ara a' coimhead thar Loch Aillse, agus ged nach robh ann ach àite-fuirich beag, tha an t-ainm an-diugh air a' bhaile agus cuideachd air an Oighreachd a tha air a ruith le Urras Nàiseanta na h-Alba. Tha diofar neach-seilbh air a bhith aig an oighreachd bho 1801, cuid dhiubh nas fialaidh na feadhainn eile, ach an dèidh a' Chiad Chogaidh chaidh an sgìre seo a cheannach le Sir Daniel agus an Leadaidh Hamilton, a thàinig gu bhith nan luchd-tabhartais don choimhearsnachd. Nuair a bhàsaich an Leadaidh Hamilton, chaidh an oighreachd a thoirt seachad don Urras Nàiseanta, agus cheannaich iadsan a-rithist Taigh Loch Aillse agus thòisich iad a' leasachadh gàrraidh coillteach, a chaidh a chur an toiseach sna 1800an le measgachadh de lusan an àite agus lusan bho thall thairis.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loidse an Ear, Baile Mac Ara

ROS: Loch Aillse

1970an

taighean oighreachd; colaistean; colaistean àiteachais; colaisde; craobhan; oighreachdan

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept

Tha Loidse an Ear na shuidhe faisg air gobhal an A87 agus an rathad gu Ceàrnag Bhaile Mac Ara, mu 3 mìle air falbh o Chaol Loch Aills'. 'S cinnteach gu robh an taigh uaireigin na phàirt de dh'Oighreachd Bhaile Mac Ara, agus thuirt cuideigin gu robh neach-sprèidh aig tuathanas na h-Oighreachd agus aig Colaiste an Àiteachais a' fuireach ann. Chaidh an Colaiste no Sgoil Thaigh Bhail' Mac Ara fhosgladh ann an 1947 agus bha treud sprèidh agus taigh-bainne ùr-nòsach na phàirt dheth. Dhùin e ann an 1973.<br /> <br /> Tha Baile Mac Ara a' coimhead thar Loch Aillse, agus ged nach robh ann ach àite-fuirich beag, tha an t-ainm an-diugh air a' bhaile agus cuideachd air an Oighreachd a tha air a ruith le Urras Nàiseanta na h-Alba. Tha diofar neach-seilbh air a bhith aig an oighreachd bho 1801, cuid dhiubh nas fialaidh na feadhainn eile, ach an dèidh a' Chiad Chogaidh chaidh an sgìre seo a cheannach le Sir Daniel agus an Leadaidh Hamilton, a thàinig gu bhith nan luchd-tabhartais don choimhearsnachd. Nuair a bhàsaich an Leadaidh Hamilton, chaidh an oighreachd a thoirt seachad don Urras Nàiseanta, agus cheannaich iadsan a-rithist Taigh Loch Aillse agus thòisich iad a' leasachadh gàrraidh coillteach, a chaidh a chur an toiseach sna 1800an le measgachadh de lusan an àite agus lusan bho thall thairis.